
03/03/2013
Leis an Urr Alasdair MacAmhlaigh, Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois. Gaelic religious service conducted by Rev Alasdair MacAulay, Tain and Fearn Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is a' leughadh a leanas:
Salm 68: 19-20 air fonn Torwood, os cionn na seinn bha an t-Urramach Coinneach Fearghasdan le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 65: 4-5 air fonn St David, os cionn na seinn bha an t-Urramach Seumas Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garabost.
Salm 59 : 16-17 air fonn Stornoway, os cionn na seinn bha Ailig John MacAmhlaigh le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chalanais.
Leughadh: Salm 1
Ceann teagaisg: Salm 1
Rugadh 's thogadh Alasdair MacAmhlaigh ann am Breascleit air taobh siar Eilean Leòdhais. Buinidh athair sa mhà thair dhan a' bhaile 's tha iad fhathast a' fuireach an sin.
Chaidh e dhan a sgoil ann am Breascleit agus a-rithist gu à rd-sgoil MhicNeacail ann a Steòrnabhagh mus do rinn e cùrsa einnseanaireachd ann an Colaiste Caisteal Leòdhais.
Thà inig atharrachadh spioradail na bheatha nuair a bha e dà bhliadhna thar fhichead. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd chuir e dà bhliadhna seachad ann an gnìomhachas na h-ola agus sia bliadhna deug na fhear-naidheachd aig a' BhBC ag obair ann an Inbhirnis agus mu dheireadh ann an Steòrnabhagh
Tha e pòsta aig Mà iri, a bhuineas do sgìre Nis agus tha triùir chloinne aca, Luc, Emma agus Kate. Bha Alasdair agus Mà iri le chèile an sàs ann an obair am measg òigridh Nis airson grunn bhliadhnachan mus do ghluais an teaghlach a Dhùn Èideann airson tri bliadhna fhads a bha Alasdair a' frithealadh Colaiste na h-Eaglaise Saoire. Anns an Òg Mhìos 2012 fhuair e cead-searmonachaidh agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois san Lùnastal.
A bharrachd air uallaichean a' choitheanal, bidh Alasdair a' dèanamh obair ann an grunn sgoiltean sa sgìre agus tha Mà iri, a bhean, ag obair gu saor-thoileach còmhla ri mà thraichean òga.
Tha an triùir chloinne aca anns an ionad Ghà idhlig ann am Bun Sgoil Chnoc na Creige.
Last on
Mairi agus Alasdair

An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh 's an teaghlach

Broadcasts
- Sun 3 Mar 2013 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Mar 2013 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal