
03/03/2013
3/3. Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Teà rlach MacEanraig, Eaglais na h-Alba bho 1988. Gaelic archive religious service conducted by Rev Charles Henderson from 1988.
Anns an t-seirbheis à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo, cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 116: 17-19 air fonn Moravia, os cionn na seinn bha Tormod Moireasdan le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road ann an Glaschu
Salm 84: 4-5 air fonn Bangor, os cionn na seinn bha Dòmhnall Iain MacIllinnein le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh
Leughadh Salm 118: 19-29 agus Eòin10: 1-14
Ceann-teagaisg: Leabhar an Taisbeanaidh 3:8
'S ann à Aird nam Murchan a tha Mgr MacEanraig bho thùs agus tha e air a bhith na mhinistear aig Eaglais na h-Alba faisg air trì fichead bliadhna. Thairis air na bliadhnaichean sin tha e air a bhith os cionn trì paraistean - Dùn Bheagain san Eilean Sgiathanach, Glasaraidh ann an Earra-Ghà idheal agus còig bliadhna fichead ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Nuair a bha e ann an Ceann Loch Chille Chiarain, 's ann an Eaglais Ghà idhealach na Paraiste a bha e stèidhichte, eaglais anns an robh ministearan ainmeil, nam measg Iain Mac a' Ghobhainn a dh'eadar-theangaich na sailm agus pà irt dhan t-Seann Tiomnadh dhan a' Ghà idhlig. Bha an t-Urramach Tormod MacLeòid (Caraid nan Gà idheal ) na mhinistear san eaglais sin cuideachd.
Bha Mgr MacEanraig ag obair air bà taichean nan taighean-solais mas deach e staigh airson dreuchd na ministrealachd.
Last on
Broadcast
- Sun 3 Mar 2013 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal