
10/03/2013
Còmhla ri Dòmhnall I Moireasdan, soisgeulaiche san Eaglais Shaor Leantainneach, Inbhirnis. Religious service conducted by Donald J Morrison, Missionary Free Church (Continuing).
Ann an Dèanamaid Adhradh còmhla ris an soisgeulaiche Dòmhnall Iain Moireasdan cluinnidh sibh na sailm is leughadh a leanas:
Salm 01: 1-2 air fonn London New, os cionn na seinn bha an t-Urramach Seumas MacÌomhair le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chille Bhrìde an Ear
Slam 65: 4-5 air fonn St David, os cionn na seinn bha an t-Urramach Seumas Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost.
Leughadh: Ecclesiastes 3: 1-20
Ceann-teagaisg: Hosea 10:12
'S e Sgalpach a th' ann an Dòmhnall Iain, agus mar a thuirt e fhèin, "rugadh agus thogadh mi san à ite is brèagha de dh'Alba agus am pìos is fheà rr dha na Hearadh". Tha Dòmhnall Iain pòsta aig Heidi, a tha às an Òlaind agus tha dithis chloinne aca.
Mas deach Dòmhnall Iain gu Seamanaraidh na Diadhachd ann an Lunnainn, bha e gu mòr an sàs ann an obair-leasachaidh anns a' sgìre aige fhèin agus e air fhastadh aig Companaidh Leasachaidh na Hearadh Earranta son còig bliadhna. Anns an ùine sin bha e sàs ann am pròiseactan leasachaidh anns a' choimhearsnachd, a' toirt a-staigh còrr air dà mhillean not de thaic airgid bhon a' roinn phoblach agus phrìobhaideach airson pròiseactan a bha nam buannachd dhan sgìre a bha e riochdachadh.
Dh'fhà g e a dhreuchd ann an 2000 agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Lunnainn far an do chuir e seachad trì bliadhna.
Tha Dòmhnall Iain air a bhith na Chrìosdaidh bho 1988, as dèidh tubaist le car far an do chaill boireannach a beatha. Tha e an drà sta na mhiseanaraidh dachaigh leis an Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhirnis agus mar phà irt dhan obair aige bidh e siubhail gu deifir sgìrean ann an Alba, agus air feadh an t-saoghail, a' toirt an t-soisgeul gu aire dhaoine. Gu math tric 's ann a-muigh air an t-srà id a bhios e a' searmonachadh.
Tha ùidh mhòr aig Dòmhnall Iain ann a Moldova air taobh an Ear na Roinn Eòrpa agus tha e air tadhail an sin grunn thursan sna bliadhnaichean mu dheireadh. Tha tòrr bochdainn anns a' sgìre seo agus tha Dòmhnall Iain air a thà ladh ann leis a' bhuaidh a th' aig suidheachadh nan daoine bochd air agus cuideachd an tarraing spioradail. Tha Dòmhnall Iain an dòchas à it' ùr a thogail dhaibh mar thaigh-ùrnaigh agus cuideachd taic a thoirt dha na teaghlaichean bochda.
Producer Angela MacKinnon.
Last on
Broadcasts
- Sun 10 Mar 2013 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Mar 2013 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal