
31/03/2013
Seirbheis Didòmhnaich Cà isg còmhla ris an Urr. Donaidh MacSuain, Eaglais na h-Alba, Cill Tighearna. Easter Sunday service with Rev Donnie MacSween, Church of Scotland, Kiltearn.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus laoidhean a leanas:
Salm 111, 3-4 air fonn St David. Os cionn na seinn tha Dòmhnall Iain Moireasdan le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 68, dà rann bho 18 air fonn Montrose. Os cionn na seinn tha Tormod Caimbeul le taic bho choitheanal Eaglais Free North ann an Inbhirnis.
Salm 72, 18-19 air fonn Stornoway. Os cionn na seinn tha Murchadh Moireasdan le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland.
Bidh Seasaidh NicAoidh a' seinn an laoidh Gà irdeachas a' Chrìosdaidh agus Alasdair Codona a' seinn an laoidh An Aiseirigh.
Cluinnidh sibh na leughaidhean Luc 24: 1-12, Eòin 20: 19-31 agus 's e Eòin 20:29 an ceann-teagaisg.
Buinidh Donnie MacSuain do bhaile Sgarastaidh anns Na Hearadh agus chaidh e don sgoil anns an t-Ob agus air an Tairbeart. Chuir e seachad dà bhliadhna an dèidh sin ann an Àrd Sgoil Inbhir Nis mus do thòisich e ag obair ann am bùth Littlewoods sa bhaile.B' ann an 1974 thòisich e ag obair là n ùine aig Littlewoods agus chuir e seachd ochd bliadhna ann am bailtean eadar-dhealaichte air feadh na rìoghachd, nam measg Lunnainn agus Oxford.
Ghluais e a Ghlaschu an dèidh sin agus thòisich e anns an oilthigh; a' ceumnachadh le BD ann an 1990.Phòs e Sandra an ath bhliadhna agus ghluais iad gu Ceann Loch Beirbhidh, far an robh Donnie na mhinistear airson sia bliadhna.
Tha dà bhalach aca, Billy a rugadh ann an 1993 agus Innes ann an 1996. Dà bhliadhna as dèidh sin chaidh an gairm gu Baile Eoghain agus tha iad air a bhith toilichte an sin bhon uair sin.
Tha uidh mhòr aig Donnie ann an ceòl, gu h-à raidh ceòl Soisgeulach, Gà idhealach agus clasaigeach. Tha e air mòran CDan a thoirt a-mach. Cluichidh e iomadh seòrsa inneal-ciùil, agus tha e a' cur seachad ùine aig an à m seo ag ionnsachadh na fìdhle, inneal a tha e a' faighinn air leth freagarrach airson laoidhean agus ceòl Gà idhealach.
Tha a' Ghà idhlig air a bhith na meas mòr dha riamh agus tha e a' dèanamh iomadh oidhirp airson an cà nan agus an ceòl a bhrosnachadh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Sun 31 Mar 2013 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 31 Mar 2013 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal