
Seirbheis crà bhach Didòmhnaich
Còmhla ris an Urr Calum Iain MacLeòid, ministear Eaglais Shaor a' Bhac. Gaelic religious service conducted by Rev Calum Iain MacLeod, minister of Back Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 103, 1-2 air fonn Dundee os cionn na seinn tha Dòmhnall MacLeòid le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 21, 5-6 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn Murchadh Moireasdan le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland.
Salm 68, 19-20 air fonn Torwood, os cionn na seinn Coinneach Fearghasdan le taic bho choitheana Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Ceann-teagaisg: Salm 103
Tha Mgr MacLeòid air a bhith na mhinistear air coitheanal a' Bhac airson fà isg air trì bliadhna a-nise. Roimhe sin bha e na mhinistear ann an Eaglais Shaor Bharabhais. Mus deach e staigh airson na ministearalachd bha e na mhanaidsear air pròiseact Urras Choimhearsnachd Chalanais agus nan Gearranan air taobh siar Leòdhais.
'S ann do dh' eilean Scalpaigh a bhuineas Calum Iain agus thà inig e gu bhith na Chrìosdaidh nuair a bha e trì bliadhna deug a dh' aois. Tha Calum Iain fada an comain an Urramaich Alasdair Mac a' Ghobhainn a bha na Mhinistear ann an Eaglais Shaor Scalpaigh aig an à m, airson na taic agus an stiùireadh a thug e dha na òige.
Tha e pòsta aig Dina agus tha triùir chloinne aca - caileagan air fad - Anne Marie, Rachel Kate agus Eilidh. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin is toigh leis a bhith ag iasgach, a' coiseachd agus a' coimhead eunlaith.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Sun 7 Apr 2013 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Apr 2013 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal