Main content

An t-Urr Calum MacIlleathain

1/2. Seirbheis à Eaglais Shaor Tholastaidh bho Thuath (1990) còmhla ris an Urr Calum MacIlleathain. Gaelic service from North Tolsta Free Church 1990, with the Rev Calum MacLean.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 06: 1-3 air fonn Walsall agus ‘s e Iain MacAsgaill a tha os cionn na seinn.
Salm 68: 18-19 air fonn Torwood agus ‘s e Iain Murchadh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlàradh ann an Eaglais Shaor Tholastaidh bho Thuath.

Leughadh: 2 Corintianaich 6: 1-11
Ceann-teagaisg: 2 Corintianaich 6: 10

Rugadh Mgr MacIlleathain ann an 1931 ann am baile Shiaboist. Fhuair e fhoghlam san sgoil ionadail gus an robh e ceithir bliadhna deug a dh'aois agus an uair sin chuir e seachad dà bhliadhna a' dèanamh a Sheirbheis Nàiseanta aig Feachd an Adhair. Chaidh iompachadh sa bhliadhna 1952 's thog e fianais air taobh Chrìosd' ann an 1953. Dà bhliadhna às dèidh sin dh'fhairich e gun robh Dia ga ghairm chun na ministrealachd 's thill e dhan fhoghlam a' dèanamh cùrsa an toiseach ann an Colaiste Sgeiridh an Dùn Èideann eadar 1957 agus 1959. Chaidh e às an sin a dh'Oilthigh Obar Dheathain mus deach e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1961. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Loch Carrain ann an 1965 agus ann an 1973 ghabh e ri gairm bho choitheanal Tholastaidh bho Thuath, an eilean àraich, far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1996. Bha Mgr MacIlleathain pòsta 's bha triùir nighean aige.

Nuair a leig e dheth a dhreuchd bha Mgr MacIlleathain air ais a' fuireach ann am baile àraich ann an Siabost. Bha ùidh mhòr aige ann a bhith a' siubhal, agus bhiodh e fhèin 's a bhean a' falbh gu math tric - eadar a bhith a' tadhal air a' chlann-nighean aca san dùthaich seo, gu bhith gabhail làithean-saora thall thairis. Nuair nach biodh e a' siubhal, bha e ga chumail fhèin gu math trang anns a' ghàrradh a' fàs lusan agus bha e gu math moiteil às a chuid obrach.

Bhàsaich Mgr MacIlleathain air an 18 den Mhàirt 2020 aig aois 89.

27 days left to listen

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 23 Jun 2013 21:00
  • Sunday 21:00