
An Canan Seumas MacNèill
Còmhla ris a' Chanan Seumas MacNèill, Cathar-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban. Gaelic religious service conducted by Canon James MacNeil, St Columba's Cathedral, Oban.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
'Aon Spiorad, aon Tighearna, aon Dia' air a sheinn le Alasdair Codona.
An 'Kyrie, Gloria agus A Thighearna Chruthaich is a Dhealbh Mi' air an seinn le Còisir Naomh Barr sa Bhagh a Tuath ann am Barraigh.
Salm 83 air a sheinn le Sìneag Nic an t-Saoir agus air a' phià na tha Pauline NicDhòmhnaill.
A' seinn an 'Alleluia' tha PÃ draig Hughes
A' seinn Coiseachd Dlùth tha Rosemary Ward le taic bho Billy Mac a' Phì air a' bhocsa
Leughaidhean: Sechariah 12: 10-11
Litir an Abstoil Pol a-chum nan Galatianaich 3: 26-29
Soisgeul Lùcais 9: 18-24
Rugadh Mgr Seumas ann an Eilean Bharraigh agus 's ann gu Colaiste na Sagairteachd anns an Ròimh a chaidh e airson ionnsachadh a bhith na shagart.
Bha e na shagart paraiste san Eilean Sgitheanach airson grunn bhliadhnaichean agus bha e cuideachd a' frithealadh paraiste an Dòrnaidh agus an Ath Leathainn.
Roimhe sin bha e na shagart paraiste ann am Beinn na Faoghla agus Mòrar. Bha e cuideachd a' teagasg ann an Roinn na Diadhachd aig Oilthigh Ghlaschu airson còig bliadhna.
An-diugh tha Mgr Seumas na iar-easbaig air Sgìr'-easbaig Earra-Ghà idheil agus nan Eilean, stèidhichte aig Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban.
Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin is toigh leis a bhith a' leughadh 's a' coiseachd.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Sun 30 Jun 2013 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 30 Jun 2013 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Sep 2013 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Sep 2013 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal