Main content
This programme will be available shortly after broadcast

An t-Urr Calum MacIlleathain

Seirbheis à Eaglais Shaor Tholastaidh bho Thuath (1990) còmhla ris an Urr Calum MacIlleathain. Gaelic archive service from North Tolsta Free Church in 1990 with Rev Calum MacLean.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 45: 15-16 air fonn Bedford agus os cionn na seinn tha Iain Dòmhnallach.
Salm 147: 3-4 air fonn Coleshill agus os cionn na seinn tha Iain Murchadh MacAoidh.
Chaidh an t-seinn a chlàradh ann an Eaglais Shaor Tholastaidh bho Thuath.

Leughadh: Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Eabhraidheach 11: 1-16
Ceann-teagaisg: Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Eabhraidheach 11: 16

Rugadh Mgr MacIlleathain ann an 1931 ann am baile Shiaboist an Eilean Leòdhais. Fhuair e fhoghlam san sgoil ionadail gus an robh e 14 bliadhna a dh'aois agus an uair sin chuir e seachad dà bhliadhna a' dèanamh a Sheirbheis Nàiseanta aig Feachd an Adhair. Chaidh iompachadh ann an 1952 's thog e fianais air taobh Chrìost' ann an 1953. Dà bhliadhna às dèidh sin, dh'fhairich e gun robh Dia ga ghairm chun na ministrealachd 's thill e dhan fhoghlam a' dèanamh cùrsa ann an Colaiste Sgeiridh an Dùn Èideann eadar 1957 agus 1959. Chaidh e às an sin a dh'Oilthigh Obar Dheathain mus deach e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1961. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Loch Carrain ann an 1965 agus ann an 1973 ghabh e ri gairm bho choitheanal Tholastaidh bho Thuath, an eilean àraich, far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1996. Bha Mgr MacIlleathain pòsta 's bha triùir nighean aige.

Nuair a leig e dheth a dhreuchd bha e air ais a' fuireach ann am baile àraich ann an Siabost. Bha ùidh mhòr aige ann a bhith a' siubhal, agus bhiodh e fhèin 's a bhean a' falbh gu math tric - eadar a bhith a' tadhal air a' chlann-nighean aca san dùthaich seo, gu bhith gabhail làithean-saora thall thairis. Nuair nach biodh e a' siubhal, bha e ga chumail fhèin gu math trang anns a' ghàrradh a' fàs lusan agus bha e gu math moiteil às a chuid obrach.

Bhàsaich Mgr MacIlleathain air 18 Màrt 2020 aig aois 89.

30 minutes

On radio

Sunday 21:00

Broadcasts

  • Sun 30 Jun 2013 21:00
  • Sunday 21:00