Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain Fearghasdan

Còmhla ris an Urr Iain Fearghasdan, Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh bho 1990. Gaelic archive service from 1990 conducted by the late Rev John Ferguson.

Anns an t-seirbheis seo a chaidh a chraoladh ann an 1990, cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 4: 7-8 air fonn London New, os cionn na seinn tha Alasdair MacLeòid le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
Salm 16: 10-11 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn tha an t-Urramach Seumas Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost san Rubha.
Leughadh: Soisgeul Eòin 12: 20-36
Ceann-teagaisg: Soisgeul Eòin 12: 23-24

An t-Ollamh Urramach Iain Fearghasdan 1937 - 2009
Rugadh Iain Fearghasdan ann an Cnoc an Torrain ann an Uibhist a Tuath anns a' Mhàirt 1937. An dèidh dha an sgoil fhàgail bha e ag obair ann an Uibhist agus air tìr-mòr, a' falbh bho obair gu obair. Aig an àm sin cha robh miann sam bith aige dreuchd sònraichte a leantainn.
Thàinig e fo bhuaidh an t-soisgeil nuair a bha dùsgadh spioradail ann an Uibhist ann an 1958 agus b'ann sa bhliadhna às dèidh sin a chaidh e gu Colaiste a Faith Mission ann an Dùn Èideann airson trì bliadhna. Às dèidh grunn bhliadhnaichean a chuir seachad mar shoisgeulaiche ann an Alba agus ann an Èirinn, dh'fhairich e gu robh e ga ghairm gu bhith na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Rinn e ullachadh ann an Colaiste Skerry agus chaidh e às an sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d'fhuair e LTh. Thug e mach BD anns na bliadhnaichean às dèidh sin agus fhuair e urram o Cholaiste Chrìosdail Chanada nuair a rinn iad Dotair Diadhaireachd dheth ann an 1996.
Anns an Ògmhios 1973 fhuair Iain cead-searmonachaidh o Chlèir Ghlaschu agus anns an Dàmhair a' bhliadhna sin ghabh e gairm bho choitheanal Chrois ann an Nis a Leòdhas far an robh e a' searmonachadh airson seachd bliadhna. Ann an 1980 ghluais e fhèin agus an teaghlach gu Port Rìgh agus bha e an sin gus an do leig e dheth uallach coitheanal ann an 2002. Rinn e fhèin is Oighrig, a bhean, an dachaigh anns a' Mhanachainn far an robh e fhathast a' searmonachadh bho àm gu àm.
Phòs Mgr Fearghasdan Oighrig NicPhàil ann an 1969 agus bha triùir de theaghlach aca - Iain, Gilleasbaig agus Agnes - agus an-diugh tha triùir oghaichean aca, Acacia, Elijah agus Anndra. Bha Oighrig na cùl-taic do dh'Iain fad na bliadhnaichean a bha e na mhinistear agus cuideachd às dèidh dha a dhreuchd a leigeil seachad. Chan eil fada bhon a chaidh leabhar, anns a bheil còrr is fichead de na searmoin aig Iain a chlò-bhualadh, pròiseact air an do thòisich e fhèin mus do bhàsaich e agus air na chuir Oighrig crìoch.
Bhàsaich Iain air an t-siathamh là den Fhaoilleach 2009 agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Chille Mhoire ann an Uibhist a Tuath.

30 minutes

Last on

Sun 7 Jul 2013 21:00

Broadcast

  • Sun 7 Jul 2013 21:00