
Rev Ian Thomson - East Kilbride Free Church
Còmhla ris an Urr Iain MacThòmais, Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear. Gaelic religious service conducted by Rev Ian Thomson from East Kilbride Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 96: 8-9 air fonn Evan, os cionn na seinn tha Iain MacRath le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Cheann a' Loch.
Salm 100:102 air fonn Coleshill, os cionn na seinn Dòmhnall Iain MacSuain le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Oib.
Salm 100: 4-5 air fonn St David, os cionn na seinn Aonghas MacIlleathain le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhais
Leughaidhean: Salm 100
Tha Iain MacThòmais na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear. Rugadh 's thogadh Mgr MacThòmais ann an Garabost san Rubha ann an Leòdhas. Chaidh e dhan sgoil ann an Paibil 's an uairsin gu Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Cha robh mòran ùidh aige ann an obair sgoile 's leis a sin cha do shuidh e deuchainnean sam bith. Dh'fhà g e an sgoil 's chuir e seachad ochd bliadhna deug na bhreabadair. Anns an ùine sin, thà inig atharrachadh na bheatha. Nuair a dh'fhairich e gu robh Dia ga ghairm gu bhith na mhinistear bha aige ri dhol air ais dhan sgoil (Sgoil Mhicneacail) a shuidhe deuchainean à rd-ìre. Chaidh e air adhart às an sin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann far an tug e mach dreuchd na ministrealachd.
Last on
Broadcasts
- Sun 29 Dec 2013 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Dec 2013 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal