
Seirbheis bho Chaibeal an Rìgh, Oilthigh Obar Dheathain
Seirbheis bho Oilthigh Obar Dheathain còmhla ris an Urr Lachlann MacLeòid bho 1963. Gaelic archive service from Aberdeen University conducted by Rev L MacLeod in 1963.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas :
Salm 36: 5-7 air fonn Bedford, Salm 78:5-7 air fonn St David, Salm 36:7-9 air fonn Bangor agus rannan 3-5 às an dà rna laoidh air fonn Stornoway. 'S e Ruairidh Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn.
Leughaidhean:
Salm 68: 1-20 agus a' leugahdh bha Alasdair Moireasdan.
Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Ephesianach 4: 1-16 agus a' leughadh bha Calum MacLeòid.
Chaidh an t-seirbheis seo a chraoladh an toiseach anns a' Mhà irt 1963 nuair a bhathas a' comharrachadh dà fhichead bliadhna bho thòisich craobh-sgaoileadh ann an Alba, agus b' ann aig deireadh 1923 a thòisich craoladh anns a' Ghà idhlig. Chaidh an t-seirbheis a chumail ann an Caibeal an Rìgh aig Oilthigh Obar Dheathain.
Rugadh Lachlann MacLeòid ann am Beà rnaraigh na Hearadh agus chaochail e an Inbhir Nis ann an 1966. Bha e na mhinistear ann an Diùranais san Eilean Sgitheanach, ann an Garabost, Eaglais Chaluim Chille ann an Steòrnabhagh agus ann am baile Urchardan, faisg air Inbhir Nis. An dèidh a bhith ann an Urchardan bha e na shoisgeulaiche Gà idhlig aig Eaglais na h-Alba.
A rèir an Urr Ruairidh MhicLeòid, bha e aon turas a' searmonachadh beò air rèidio agus feumaidh gun deach fios a chuir thuige gu robh an ùine a' ruith. Thubhairt e san t-searmon, "Chan eil fios agamsa de a' Ghà idhlig a tha air ÃÛÑ¿´«Ã½ mur e 'A bhròinein, bi cabhagach."
Bha a mhac, Iain, na mhaighistir-sgoile agus na Iar-stiùiriche an Fhoghlaim agus bhiodh esan tric a' searmonachadh. Nuair a bhiodh e a' dèanamh na smuaintean aig deireadh na h-oidhche air Telebhisean Ghrampian bho chionn fhada, bhiodh Gà idhlig aige aon oidhche san t-seachdain. Bha mac eile aig Lachlann air an robh Calum, a bha na fhear-lagha ainmeil an Obar Dheathain agus air bòrd-stiùiridh iomadach buidheann.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 29 Dec 2013 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Dec 2023 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal