
An t-Urr Niall Seathach bhon Eaglais Shaor
Seirbheis còmhla ris an Urr Niall Seathach bhon Eaglais Shaor. Gaelic religious service conducted by Free Church Minister, the Rev Neil Shaw.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 24: 9-10 air fonn Montrose leis an Urr Coinneach Fearghasdan os cionn na seinn agus e a' faighinn taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann
Salm 65: 4-5 air fonn St David leis an Urr Seumas Dòmhnallach os cionn na seinn agus e a' faighinn taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost san Rubha, Leòdhas
Salm 23: 5-6 air fonn Stornoway le Alasdair MacLeòid os cionn na seinn agus e a' faighinn taic bho Eaglais Shaor Shnìosoirt san Eilean Sgiathanach.
Leughadh: Leabhar an Taisbeanaidh 22: 1-21
Ceann-teagaisg: Leabhar an Taisbeanaidh 22: 3-5
Rugadh an t-Urr Niall Seathach ann an 1936 ann an sgìre Bhruaich Chluaidh ann an Glaschu. Is ann à Ille a bha athair agus à Tolastadh a' Chaolais ann an Leòdhas a bha a mhà thair. Dh'fhuiling an teaghlach aige aig à m an dà rna cogaidh nuair a chaill iad an dachaigh ann an spreadhadh. Ghluais iad a Leòdhas còmhla ri cà irdean a mhà thar agus bha iad a' fuireach ann an Tolastadh a' Chaolais gus an do cheannaich iad taigh anns an Rubha. Chiadh Niall Seathach tron fhoghlam ann an Sgoil a' Chnuic agus ann an Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Dh'fhà g e an sgoil aig aois 15 agus chaidh e gu ruige Feachd an Adhair agus ceangailte ri sin, chuir e seachad ùine ann an Sasainn, Drochaid an Easbaig agus ann an Ùige, Eilean Leòdhais.
Dh'fhà g e Feachd an Adhair nuair a bha e bliadhna thar fhichead agus chaidh e air adhart son a' mhinistrealachd, a' tilleadh gu foghlam ann an Oilthigh Obar Dheathain agus às dèidh sin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dun Èideann.
Chaidh a phòsadh ris a chiad Choitheanal ann an Eaglais Shaor Ulapul ann an 1968. Chaidh e às an sin gu Eaglais Shaor Chille Mhaille, a dh'Inbhir Pheofharain agus mu dheireadh gu Eaglais Shaor Chalanais, an coithional mu dheireadh a bh' aige mus do leig e dheth a dhreuchd. Ged a dh'fhà g e an sgìre, thug e ainm a' bhaile leis agus sin an t-ainm a th' air an taigh aige ann an Drochaid Sguideil.
Tha Niall Seathach pòsta aig Dolina à Paibil agus tha dithis chloinne aca, Sìne agus Tormod. Nuair a tha e ag iarraidh beagan fois is sà mhchair fhaighinn bidh e ag èisteachd ri ceòl clasaigeach.
Last on
An t-Urr Niall Seathach

Broadcasts
- Sun 23 Mar 2014 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 23 Mar 2014 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Sep 2014 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Sep 2014 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Feb 2024 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal