
An t-Urr Gilleasbuig Mac a' Phiocair
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Gilleasbuig Mac a' Phiocair nach maireann. Gaelic archive religious service from 1988, conducted by the late Rev Archie MacVicar.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 68: 18-19 air fonn Walsall agus 's e le Dòmhnall MacIllEathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 132: 3-4 air fonn Bangor agus 's e an t-Urr Donnchadh MacFhionghain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.
Leughadh: Litir an Abstoil Pol a-chum nan Eabhraidheach 2: 1-18
Ceann-teagaisg: Litir an Abstoil Pol a-chum nan Eabhraidheach 2: 9
Rugadh Gilleasbuig Mac a' Phiocair anns a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath anns a' Ghearran 1920. 'S e an dà rna duine a b' òige de theaghlach de shianar aig Gilleasbuig agus Mairead Nic a' Phiocair. Gu mì-fhortanach bhà saich athair 's gun Gilleasbuig ach mu sheachd bliadhna a dh'aois agus le sin chaidh e fhèin agus a phiuthar a dh'fhuireach còmhla ri cà irdean ann a Hòmhstadh. Chaidh e a Bhun-sgoil Thaigh a' Ghearraidh agus an uairsin gu Sgoil Cheann a' Bhà igh agus às dèidh sin gu Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Nuair a bha e deiseil anns an sgoil thill e air ais dhan Bhaile Shear a dh'obair air a' chroit agus a bhrà ithrean bu shine air an gairm dhan chogadh. Nuair a rà inig a bhrà thair a b' òige ochd deug chaidh Gilleasbuig e fhèin dhan chogadh gu Feachd an Adhair, agus bha e stèidhichte thall san Ear Chèin.
Thill e air ais bhon chogadh ann an 1946 agus chuir e roimhe fhèin a dhol air ais gu foghlam far an do rinn e cùrsa MA aig Oilthigh Ghlaschu. B' e teagasg a bha e an dùil a dhèanamh nuair a bha e deiseil ach dh'fhairich e gairm gu obair na ministrealachd agus chaidh e an uairsin gu Colaiste na Trianaid far an do rinn e cùrsa na diadhaireachd.
Ann an 1952 phòs e a bhean Iseabail Budge, a bhuineadh do Chaol Loch Aillse, agus bha ceathrar chloinne aca. Chaidh Mgr Mac a' Phiocair a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann am Bun Easain ann am Muile. Greis às dèidh sin, ann an 1956, ghabh e ri gairm o choitheanal an t-Srath anns an Eilean Sgitheanach far an do shaothraich e gu dìcheallach a' frithealadh seachd eaglaisean air feadh na sgìre.
Ann an 1973 ghluais e gu Eaglais Srà id a' Chaisteil ann an Inbhir Pheofharain far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1989. Ghluais e an uairsin a dh'Inbhir Nis far an do chuir e seachad còig bliadhna mar mhinistear aig Taigh-eiridinn Chreag an Dùnain, agus bhiodh e a' cuideachadh ann an sgìrean a bha bà n anns na h-eileanan.
Bha bròn air feadh na Gà idhealtachd nuair a thà inig naidheachd a bhà is air an latha mu dheireadh den Lùnastal 1996.
Last on
An t-Urr Gilleasbuig Mac a' Phiocair

Broadcasts
- Sun 23 Mar 2014 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Apr 2016 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Apr 2022 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal