Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain le sgeulachd annasach mu fhear as a' Chumraigh le cluasan èibhinn. The week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Sun 11 May 2014 14:55

Litir 773: Dòmhnall MacRath agus Creach Mhòr nam Fiadh

Bha Dòmhnall MacRath na mhaighstir-sgoile ann an Sgoil Bhail’ Ailein ann an Leòdhas airson dìreach dà bhliadhna. Ach choisinn e cliù ann. Bha e an sàs gu mòr ann an ‘Creach Mhòr nam Fiadh’, a’ chreach ainmeil a thachair air Frìth na Pàirce ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a seachd (1887).

            Chan e Leòdhasach a bh’ ann an Dòmhnall, ge-tà. Rugadh e ann am Ploc Loch Aillse ann an ochd ceud deug, caogad ’s a h-aon (1851). ’S e sgoilear Gàidhlig a bh’ ann agus tha pàipearan aige am measg cruinneachadh Comunn Gàidhlig Inbhir Nis. Bha e a’ teagasg ann an Inbhir Nis agus an uair sin, fhuair e dreuchd mar cheannard-sgoile ann an Ceann Drochaid ann an Alanais, ann an Ros an Ear.

            Ach rinn e nàimhdean am measg uachdarain agus àrd-urrachan na Gàidhealtachd, oir bha e a’ taobhadh gu làidir ris na croitearan a bha a’ strì airson còraichean fearainn. Bha Dòmhnall an sàs gu mòr ann an obair Lìog an Fhearainn agus ann an Institiud Foghlaim na h-Alba.

            Chuir àrd-urrachan bòrd na sgoile às a dhreuchd e. Bha iad a’ cumail a-mach gun robh e a’ toirt poilitigs a-steach don t-seòmar-theagaisg. Bha Dòmhnall a’ dol às àicheadh sin. Bha na daoine cumanta feargach gun do chaill e a dhreuchd. ’S ann an uair sin a choisinn Dòmhnall cliù dha fhèin mar ‘Mhairtir Alanais’.

            Cha robh e fada gun obair, ge-tà. Fhuair e dreuchd mar mhaighstir-sgoile ann am Bail’ Ailein ann an Sgìre nan Loch ann an Leòdhas. An sin, bha na daoine ag agairt airson fearann an sinnsirean fhaighinn air ais. Bha an sinnsirean air am fuadachadh agus bha mòran dhen fhearann fhathast – sin Frìth na Pàirce – air a chur gu feum airson fèidh an uachdarain. Thàinig Dòmhnall MacRath gu àite far am b’ urrainn dha leantainn le obair airson ceartas do mhuinntir na Gàidhealtachd. Bhiodh cuid a’ gabhail ‘Mairtir Bhail’ Ailein’ air, seach ‘Mairtir Alanais’.

            Às dèidh grunn choinneamhan poblach – ann an Sgoil Bhail’ Ailein – roghnaich na croitearan a dhol air adhart le bhith a’ marbhadh fhiadh air fearann na Pàirce. Bha iad a’ dol a dhèanamh sin gu follaiseach agus chuir iad fios do na poilis, don uachdaran agus do na pàipearan-naidheachd. Bha iad a’ dol a dh’obrachadh air cogais muinntir na h-Alba is muinntir Bhreatainn gus am faigheadh iad ceartas.

            Nuair a thàinig an latha – an dàrna latha fichead dhen t-Samhain – chaidh na croitearan a-steach don oighreachd, agus pìobairean aig an ceann. Thàinig geamair nan rathad. ‘An ann às bhur ciall a tha sibh?’ thuirt e. Ach cha d’ fhuair e freagairt.

            An uair sin, thuirt e, ‘Cò tha air bhur ceann?’ Agus fhuair e freagairt de sheòrsa. ‘Tha ar bonaidean!’ thuirt na croitearan. Cha robh ceannard aca. Bha gach duine na cheannard.

            Lean iad orra airson trì latha – na ceudan de dhaoine. Mharbh iad ceudan de dh’fhèidh. Rinn iad campa le nàdar de phàillean a bh’ air a dhèanamh de shiùil chanabhais agus cabraichean. Thog iad teintean mòra agus ghoil iad feòil.

            Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu dheidhinn a’ ghnothaich an-ath-sheachdain. Ach fàgaidh mi sibh le ìomhaigh. Croitearan air beulaibh teine anns an dorchadas. A’ beannachadh toradh nam beann. Agus a’ gabhail òrain Ghàidhlig, leithid ‘Chunna’ mi ’n Damh Donn’. Uill, dè eile?


Faclan na Litreach

Creach Mhòr nam Fiadh: The Great Deer Raid; ´Ú°ůĂŹłŮłó: deer forest; LĂŹog an Fhearainn: Land League; geamair: gamekeeper; ĂŹ´Çłžłó˛šžą˛ľłó: image

Abairtean na Litreach

Bha Dòmhnall MacRath na mhaighstir-sgoile ann an Sgoil Bhail’ Ailein: Donald MacRae was a schoolmaster in Balallan School; choisinn e cliù ann: he won a reputation there; rugadh e ann am Ploc Loch Aillse: he was born in Plockton; tha pàipearan aige am measg cruinneachadh Comunn Gàidhlig Inbhir Nis: he contributed papers to the Transactions of the Gaelic Society of Inverness; Ceann Drochaid ann an Alanais, ann an Ros an Ear: Bridgend in Alness, in Easter Ross; rinn e nàimhdean am measg uachdarain agus àrd-urrachan na Gàidhealtachd: he made enemies among the landlords and establishment leaders in the Highlands; bha e a’ taobhadh gu làidir ris na croitearan: he was strongly siding with the crofters; chuir X às a dhreuchd e: X fired him from his position; a’ toirt poilitigs a-steach don t-seòmar-theagaisg: taking politics into the classroom; a’ dol às àicheadh sin: denying that; ag agairt airson fearann an sinnsirean fhaighinn air ais: claiming back the land of their ancestors; far am b’ urrainn dha leantainn le obair airson ceartas: where he could continue with his work for justice; grunn choinneamhan poblach: several public meetings; roghnaich na croitearan a dhol air adhart le bhith a’ marbhadh fhiadh: the crofters chose to go ahead and kill deer; chuir iad fios do na poilis, don uachdaran agus do na pàipearan-naidheachd: they informed the police, the landlord and the newspapers; a’ dol a dh’obrachadh air cogais muinntir na h-Alba: going to work on the conscience of the people of Scotland; agus pìobairean aig an ceann: with pipers at their head; an ann às bhur ciall a tha sibh?: are you out of your minds?; bha gach duine na cheannard: each man was a leader; nàdar de phàillean a bh’ air a dhèanamh de shiùil chanabhais agus cabraichean: a sort of marquee made of canvas sails and wooden poles; ghoil iad feòil: they boiled meat; a’ beannachadh toradh nam beann: blessing the bounty of the hills.

Puing-chĂ nain na Litreach

‘Cò tha air bhur ceann?’: who is at your head? The Gaelic is literally ‘Who is on your head?’ and the crofters then gave the clever reply, which did not incriminate any individual, ‘Tha ar bonaidean’ – our bonnets! Apocryphal or not, this snippet of conversation has been passed on in Lewis folklore to this day.

GnĂ thas-cainnt na Litreach

Bha an sinnsirean air am fuadachadh: their ancestors were cleared.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcasts

  • Fri 9 May 2014 11:55
  • Sat 10 May 2014 10:55
  • Sun 11 May 2014 14:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast