
16/05/2014
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain le sgeulachd annasach mu fhear as a' Chumraigh le cluasan èibhinn. The week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 774
Duration: 04:59
Dòmhnall MacRath agus Creach Mhòr nam Fiadh
Nuair a chuala an riaghaltas gun robh croitearan air na Lochan ann an Leòdhas a’ dol air adhart le ‘Creach Mhòr nam Fiadh’, chuir iad poilis agus saighdearan a dh’ionnsaigh an eilein. Bha sin anns an t-Samhain ochd ceud deug, ochdad ’s a seachd (1887). Bha mar a làimhsich an riaghaltas a’ chùis a’ dearbhadh nach do thuig iad gur e ana-ceartas a bha a’ gluasad nan croitearan, seach gràin no miann a bhith ri fòirneart.
Air an treas latha dhen ghnothach, thachair an siorram, Mgr Friseal, agus ceannard nam poileas ann an Steòrnabhagh, an Superintendent Gòrdan, ri buidheann de luchd-togail na creiche ann am meadhan oighreachd na Pàirce. Mhìnich an siorram ann an Gàidhlig gun robh poilis agus saighdearan a’ tighinn don eilean agus nach robh dòigh ann aig na croitearan buaidh a thoirt air ùghdarrasan na stàite.
Thug na croitearan am bonaidean dheth airson sealltainn don t-siorram gun robh spèis aca dha, agus mhìnich iad dha na thug orra creach a thogail. Leugh an Siorram Achd na h-Aimhreit ann am Beurla, agus mhìnich e ann an Gàidhlig i. Thòisich na croitearan air tilleadh do na bailtean aca, agus iad a’ meòrachadh air a’ ‘cheartas Bhreatannach’ fon robh iad a’ tighinn beò air Gàidhealtachd na h-Alba.
Thàinig a’ chreach gu ceann gu sìtheil. Bha sianar air an cur an grèim – Ruairidh Sheòrais, Iain ’an Mhurchaidh, Murchadh an Tàilleir, Calum Alasdair Ruaidh agus Dòmhnall Aonghais Iain. Bha iad à Bail’ Ailein, Grabhair agus Crosabost.
Agus bha siathamh duine ann – am maighstir-sgoile, Dòmhnall MacRath à Bail’ Ailein. Bha a h-uile duine aca air an tarraing air beulaibh cùirte aig an Àrd-chùirt ann an Dùn Èideann. Bha triùir bhritheamhan ann, agus diùraidh.
Ged a bha cumhachd na stàite nan aghaidh, fhuair na croitearan taic mhòr bho dhaoine air feadh an t-saoghail. Chaidh mìltean notaichean a-steach gu ionmhas a chumadh taic ri teaghlaichean nan cailleadh iad am fear a bha a’ cumail airgead riutha, agus e sa phrìosan.
Thuirt Àrd-neach Lagha na h-Alba gum bu chòir don t-sianar a bhith air an dìteadh de dh’aimhreit. Thuirt e gur e Dòmhnall MacRath a bh’ air a’ chreach eagrachadh agus, ged a bha co-fhaireachdainn aige do na croitearan, nach robh co-fhaireachdainn aige do MhacRath. Bha an tidsear, thuirt e, a’ dèanamh mì-chleachdadh dhen t-suidheachadh aige, a’ brosnachadh dhaoine gus an lagh a bhriseadh.
Ach thug an diùraidh taic do MhacRath agus a chompanaich. Taobh a-staigh leth-uair a thìde, thug iad breith – ‘neoichiontach’. Bha Dòmhnall MacRath air a thogail air guailnean luchd-taice a-mach às an taigh-chùirte agus sìos an Àrd-shràid ann am meadhan Dhùn Èideann. Ach, fhad ’s a thill a’ chòignear eile a bha fo chasaid a Leòdhas, far an robh na ceudan a’ feitheamh riutha aig Cidhe Steòrnabhaigh, chaidh Dòmhnall a Lunnainn.
Cha robh Dòmhnall cho soirbheachail ann am poilitigs ’s a bha e mar neach-coiteachaidh aig ìre coimhearsnachd. Sheas e airson na Pàrlamaid às leth Lìog an Fhearainn ann an Siorrachd Inbhir Nis. Chaill e, ge-tà, don tagraiche Thòraidheach. Bha na Tòraidhean a’ gealltainn ath-leasachadh air laghan fearainn na h-Alba. Ach tha Dòmhnall MacRath air a chuimhneachadh ann an Leòdhas fhathast, agus gu dearbh air feadh na Gàidhealtachd, airson na rinn e às leth nan daoine.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Bha mar a làimhsich an riaghaltas a’ chùis a’ dearbhadh…: how the government handled the matter proved… A clause such as ‘mar a làimhsich an riaghaltas’ can play the role of a subject in the sentence, coming immediately after the verb. Another example is ‘bha mar a thuit e far a bhaidhsagal na dheagh eisimpleir dhen dol a-mach aige’.
Gnàthas-cainnt na Litreach
air an dìteadh de dh’aimhreit: convicted of rioting.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 16 May 2014 11:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sat 17 May 2014 10:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 18 May 2014 14:55ѿý Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.