Main content
This programme is not currently available

Cù Geamhraidh

Dòmhnall MacGilleMhoire leis a' chiad phàirt de sgeulachd Alasdair Mhicleòid. Donald Morrison reads the first instalment of Winter Dog by the Canadian writer Alasdair Macleod.

Seo a' chiad earrann den sgeulachd ghoirid, Cù Geamhraidh, a sgrìobh an Canèidianach Alasdair Macleòid, a chaochail sa Ghiblean am bliadhna. Rugadh Alasdair air prèiridhean Chanada ach, nuair a bha e na bhalach, ghluais e fhèin 's a theaghlach a Shiorrachd Inbhir Nis ann an Eilean Cheap Breatainn. Choisinn e cliù mhòr, fad 's farsaing, airson a chuid sgrìobhaidh agus cruth na tìre agus spiorad nan daoine an Ceap Breatainn aig cridhe a na bha e a' cur ri pàipear. B' ann airson sgeulachdan goirid a b' ainmeile a bha e agus chaidh dà chruinneachadh dhiubh fhoillseachadh, agus bha an Gibht Caillte Saillte na Fala mar ainm aige air aon dhiubh. Bho chionn faisg air fichead bliadhna chaidh na sgeulachdan eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig do Radio nan Gaidheal agus seo a' chiad earrann den sgeulachd, Cù Geamhraidh, air a h-eadar-theangachadh le Jo NicDhòmhnaill agus air a leughadh le Dòmhnall MacGilleMhoire.

20 minutes

Last on

Sun 10 Aug 2014 14:30

Broadcasts

  • Fri 8 Aug 2014 11:30
  • Sat 9 Aug 2014 10:30
  • Sun 10 Aug 2014 14:30