
An t-Urr Dòmhnall MacIllFhinnein, Eaglais na h-Alba
Seirbheis còmhla ris an Urr Dòmhnall MacIllFhinnein, Eaglais na h-Alba. Gaelic religious service conducted by Rev Donald MacLennan, Church of Scotland.
Rugadh an t-Urr Dòmhnall MacIllFhinnein ann am baile Fionnsbhagh anns na Hearadh ann an 1941. 'S e searmonaiche a bha na athair anns an Eaglais Shaor Chlèireach anns na Hearadh. Chaidh oideachadh ann am Bun-Sgoil Fhionnsabhaigh agus Sgoil an Oib. Chur e seachd ùine cuideachd ann an Colaiste a' Chaisteil ann an Leòdhas agus Colaiste Teicnigeach Chlòithan Alba ann an Geal Àth.
Bha Mgr MacIllFhinnein ag obair airson iomadach bliadhna mar neach-reic agus chaidh e an uairsin a staigh airson na ministrealachd gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire Clèirich ann an 1969. Às dèidh a' chùrsa aige a chrìochnachadh ann an 1975 chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Ùige, Leòdhas far an do dh'fhuirich e gu 1981. Ghluais e an uair sin dhan Eilean Sgiathanach gu Eaglais Shaor Chlèireach Stafainn. Ann an 1986 ghuais Mgr MacIllFhinnein gu Eaglais na h-Alba agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais an t-Srath agus Shlèibhte, chur e seachd trì bliadhna ann a sin gus an do ghluais e gu Eaglais na h-Alba ann an Ceann a Loch ann an Leòdhas, an coitheanal mu dheireadh ris an robh e an urra mus do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006. Tha Maighstir MacIllFhinnein pòsta aig Raghnaid agus tha iad air an dachaigh a dhèanamh an-diugh ann an Inbhir Nis.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 19:9-10 air fonn Stornoway agus 's e Ailig MacÃŒomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Chille Mhoire san Eilean Sgiathanach
Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus 's e Iain Eachann MacLeòid le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhas.
Salm 23: 50-6 air fonn Evan agus 's e Iain Ailig MacLeòid le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt a tha os cionn na seinn
Leughadh: Leabhar Gnìomharan nan Abstol 22: 1-10
Ceann-teagaisg: Leabhar Gnìomharan nan Abstol 22: 8 & 10.
Last on
Broadcasts
- Sun 5 Oct 2014 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Oct 2014 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal