
Seirbheis a' Mhòid, Àrd Ruigh 1993 - an t-Urr Jack MacArtair agus Mgr Dòmhnall Cuimeanach
Seirbheis a' Mhòid bho Àrd Ruighe ann a 1993 leis an Urr Jack MacArtair 's Mgr Dòmhnall Cuimeanach. Mod Service from Airdrie in 1993 with Rev Jack MacArthur and Fr Donald Cummings.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm, laoidhean agus leughaidhean a leanas:
Salm 23: 1-3 air fonn Evan, Salm 147:1-2 air fonn Torwood, Salm 132:3-5 air fonn Stornoway agus Salm 133:1-3 air fonn Kilmarnock. 'S e Calum Rois a tha os cionn na seinn.
An laoidh Do Là mh a Chrìosda air a sheinn le Ceanna Chaimbeul agus Là mh a' Bhuachaille air a sheinn le Seumas Caimbeul.
Leughaidhean:
Salm 46 air a leughadh le Iain G Dòmhnallach.
Leabhar an Taisbeanaidh 7: 9-17 & 8:1-5 agus a' leughadh bha Iain Ruiseal.
Last on
More episodes
An t-Urr Jack MacArtair (nach maireann)

An t-Urr Jack MacArtair (nach maireann)
Rugadh Iain Murchadh MacArtair, no Jack mar a b' fheà rr a dh' aithnicheadh daoine e, air an naoidheamh là fichead den Iuchar 1938 ann am baile Mharabhaig an ceann a deas nan Loch ann an Leòdhas. Chaidh Mgr MacArtair iompachadh còmhla ri mòran eile ri linn an t-searmonaiche ainmeil, an t-Urr Donnchadh Caimbeul ann an Leòdhas anns na leth-cheudan. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1966, coitheanal Cheann Loch Biorbhaidh agus Diùranais ann an Cataibh agus ann an 1971 ghluais e a Chà rlabhagh. Dh'fhà g e Leòdhas ann an 1979 agus chaidh e dhan Ath Leathann san Eilean Sgiathanach. Bha Mgr MacArtair aithnichte airson an obair mhòr a rinn e anns na h-Eileanan agus air Ghà idhealtachd airson foghlam agus Gà idhlig troimh a bhith sas anns na deifir Chomhairlean.
Ìý
Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu ann an 1989 far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd air sgà th a shlà inte ann an 1996 Bhà saich Mgr MacArtair aig aois tri fichead sa ceithir anns an Dùbhlachd 2002.
Broadcast
- Sun 5 Oct 2014 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal