
12/10/2014
Seirbheis còmhla ri Iain Eà irdsidh Mac a' Mhaoilein. Gaelic religious service conducted by John Archie MacMillan.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Maeve NicFhionghuin agus Billy Mac a' Phi leis An Coisrigeadh Mallaigeach
Amy NicAmhlaigh a' seinn Laoidh an Spioraid Naoimh
Pol MacCalum le taic bho Hamish Menzies leis an laoidh Reul Àlainn a' Chuain
Joanna Peteranna le taic bho Pauline NicDhòmhnaill le Ùrnaigh an Tìghearna
Leughaidhean: Genesis 37: 6-8
Eòin 17: 16-24
Rugadh agus thogadh Iain Eà irdsidh ann an Cill Donain ann an Uibhist a Deas agus chaidh e dhan sgoil an sin agus an Dalabrog. Às an sin, chaidh e gu Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain agus à sin gu Colaiste Rìoghail na Sagartachd anns an Spà inn airson sia bliadhna. Thà inig e a-mach na shagart anns an Ògmhios, naoi ceud deug trì fichead 's a h-aon deug.
Bha e na shagart ann an Dùn Omhain, Eilean Bhòid, Dalabrog agus Èirisgeidh. Bha Iain Eà irdsidh ag obair mar Oifigear Leigheis-Inntinn ann an Lodainn an Iar a' cuideachadh dhaoine le trioblaidean inntinn agus ag oideachadh 's a' toirt comhairle do dhaoine eile ann a bhith a' dèiligeadh ri daoine le trioblaidean inntinn. Tha e a-nis air a dhreuchd là n-ùine a leigeil seachad.
Tha e a' fuireach ann an Ceann a Deas Drochaid na Banrigh le bhean, Mà iri, agus an dithis theaghlach, Harriet agus Mata. Nuair a bhios ùine aige dha fhèin is toigh leis a bhith siubhal a-null thairis, gu h-à raid dhan Eadailt, far a bheil taigh aca ann am baile beag iomallach. Air a shlighe a dh'obair, bidh e ag èisteachd ri clà raidhean den chà nan Eadailtis 's a' feuchainn ri gnìomhairean Eadailtis ionnsachadh - gu mì-fhortanach bidh an fheadhainn Eadailteach agus Spà innteach a' dol an lùib a chèile gu math tric, ach tha e còrdadh ris gu mòr a bhith dèanamh seo. Bidh e cuideachd a' cur ùine seachad air a' chùrsa golf agus a' dèanamh tòimhseachain-tarsainn agus ag eadar-theangachadh pìosan beaga an siud 's an seo dhan Ghà idhlig.
Bidh Iain Eà irdsidh os cionn nan seirbheisean Gà idhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann uair sa h-uile sia gu ochd seachdainean.
Last on
Broadcast
- Sun 12 Oct 2014 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal