Main content
This programme is not currently available

Ceòl na Sìthe

Cuirm-chiùil shonraichte à Beinn a' Bhadhla, mar chuimhne air na chaill am beatha an cogaidhean.
Concert from St Mary's Benbecula in memory of those who lost their lives in wars

Chaidh a' chuirm chiùil Ceòl na Sìthe a chuir air chois le Pòl MacCallum mar chuimhneachan orrasan a chaill am beatha ann an cogaidhean. Bha seinneadairean is luchd-ciùil air leth ainmeil an làthair ann an Eaglais Naoimh Moire ann am Beinn a' Bhadhla air an oidhche a' seinn laoidhean, dàin spioradail agus a' cluich measgachadh phìosan ciùil. Chaidh òrain is pìosan ciùil às ùr a sgrìobhadh airson na cuirm leithid Moladh an t-Saighdeir le Iain Dòmhnallach, Ùrnaigh an t-Saighdeir a sgrìobh Anna Wendy Stevenson agus Òran do Sgoilearan Sgoil Chàirinis a sgrìobh Tormod MacIllEathain mar chuimhneachain air a sheanair a chailleadh anns a' Chiad Chogadh agus a bha frithealadh Sgoil Chàirinis na òige.
Bha na laoidhean agus na dàin spioradail a chualas air an oidhche air fad a' comharrachadh àm a' chogaidh agus cuideachd àm na sìth. Ann an suidheachadh cogadh tha gach taobh a' fulang call agus bha sinn air a thoirt gu aire an luchd-èisteachd leis an t-seinn aig Rena Gertz agus i a' seinn na cànan fhèin sa Ghearmailtis.

1 hour, 32 minutes

Last on

Sun 11 Nov 2018 15:30

Broadcasts

  • Sun 9 Nov 2014 15:00
  • Fri 2 Jan 2015 10:03
  • Sun 11 Nov 2018 15:30