Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain Fearghasdan, Eaglais na h-Alba

Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Iain Fearghasdan, Eaglais na h-Alba 1995. Gaelic archive service from 1995 with the Rev John Ferguson, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 48: 1-2 air fonn St David agus 's e Murchadh C MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chroisbost.
Salm 68: 17-18 air fonn Evan agus 's e Iain MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.

Leughadh: Gnìomharan nan Abstol 1: 1-14
Ceann-teagaisg: Gnìomharan nan Abstol 1:8

An t-Ollamh Urramach Iain Fearghasdan 1937 - 2009
Rugadh Iain Fearghasdan ann an Cnoc an Torrain an Uibhist a Tuath sa Mhàirt 1937. An dèidh dha an sgoil fhàgail bha e ag obair an Uibhist agus air tìr-mòr, a' falbh bho obair gu obair. Aig an àm sin cha robh miann sam bith aige dreuchd sònraichte a leantainn.
Thàinig e fo bhuaidh an t-soisgeil nuair a bha dùsgadh spioradail ann an Uibhist ann an 1958 agus b' ann sa bhliadhna às dèidh sin a chaidh e gu Colaiste am Faith Mission an Dùn Èideann airson trì bliadhna. Às dèidh grunn bhliadhnaichean a chur seachad mar shoisgeulaiche ann an Alba agus ann an Èirinn, dh'fhairich e gu robh e ga ghairm gu bhith na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Rinn e ullachadh ann an Colaiste Skerry agus chaidh e às an sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d'fhuair e LTh. Thug e mach BD anns na bliadhnaichean às dèidh sin agus fhuair e urram o Cholaiste Chrìosdail Chanada nuair a rinn iad Dotair Diadhaireachd dheth ann an 1996.

Anns an Ògmhios 1973 fhuair Iain cead-searmonachaidh o Chlèir Ghlaschu agus anns an Dàmhair a' bhliadhna sin ghabh e gairm bho choitheanal Chrois Nis a Leòdhas far an robh e a' searmonachadh airson seachd bliadhna. Ann an 1980 ghluais e fhèin agus an teaghlach gu Port Rìgh agus bha e an sin gus an do leig e dheth uallach coitheanail ann an 2002. Rinn e fhèin is Oighrig, a bhean, an dachaigh anns a' Mhanachainn far am biodh e a' searmonachadh bho àm gu àm.

Phòs Mgr Fearghasdan Oighrig NicPhàil ann an 1969 agus bha triùir de theaghlach aca - Iain, Gilleasbaig agus Agnes - agus an-diugh tha triùir oghaichean aca, Acacia, Elijah agus Anndra. Bha Oighrig na cùl-taic do dh'Iain fad na bliadhnaichean a bha e na mhinistear agus cuideachd às dèidh dha a dhreuchd a leigeil seachad. Chan eil fada bhon a chaidh leabhar, anns a bheil còrr is fichead de na searmoin aig Iain a chlò-bhualadh, pròiseact air an do thòisich e fhèin mus do bhàsaich e agus air na chuir Oighrig crìoch.

Bhàsaich Iain air an t-siathamh là den Fhaoilleach 2009 agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Chille Mhoire ann an Uibhist a Tuath.

30 minutes

An t-Urramach Iain Fearghasdan 1937 - 2009

An t-Urramach Iain Fearghasdan 1937 - 2009

An t-Urramach Iain Fearghasdan 's a theaghlach

An t-Urramach Iain Fearghasdan 's a theaghlach

Broadcasts

  • Sun 16 Nov 2014 21:00
  • Sun 29 Oct 2023 21:00