
An t-Urr Ùisdean Stiùbhart, ministear Eaglais na h-Alba Beà rnaraigh agus Ùige
An t-Urr Ùisdean Stiùbhart, ministear Eaglais na h-Alba Beà rnaraigh agus Ùige, Leòdhais. Gaelic service conducted by Rev Hugh Stewart, Bernera and Uig Church of Scotland.
Rugadh agus thogadh Ùisdean Stiùbhart anns an Rubha ann an Leòdhas. Mus deach e a leantainn dreuchd na ministrealachd bha Mgr Stiùbhart ag obair aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar. Nuair a bha e anns an obair seo fhuair e an cothrom coinneachadh ri daoine air feadh nan eilean agus bha seo na chuideachadh agus na thaic mhòr dha nuair a chaidh e a leantainn na dreuchd ùir aige.
Chaidh Mgr Stiùbhart a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba an sgìr' Ùig is Bheà rnaraigh anns an Ògmhios 2008. 'S e coitheanal gu math mòr a th'ann a thaobh meud na sgìre agus à ite far a faigh thu cuid de na seallaidhean as brèagha ann an Alba.
'S ann taobh a-staigh a' choitheanail seo a bha an dùsgadh bu mhotha a ghabh à ite anns na h-eileanan anns na 1820s. Bha aithrisean ann gun robh mu 7000 neach a' frithealadh seirbheisean comanachaidh aig an à m sin.
Tha Mgr Stiùbhart pòsta aig Seonag Mhoireach.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sinn na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 130: 1-5 air fonn Martyrdom agus 's e Calum Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland.
Salm 111: 3-4 air fonn St David agus 's e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 37: 23-24 air fonn Moravia agus 's e Torcuil MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist.
Leughadh: Marcus 4: 34-41
Ceann-teagasig : Marcus 4.
Last on
An t-Urr Ùisdean Stiùbhart agus a bhean Joanne

An t-Urr Ùisdean Stiùbhart, a bhean Joanne agus am balach beag aca Teà rlach Aonghas.Â
Broadcasts
- Sun 23 Nov 2014 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 23 Nov 2014 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Sep 2015 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Sep 2015 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal