
An t-Urr Iain Fearghasdan, Eaglais na h-Alba, Port Righ
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Iain Fearghasdan, Eaglais na h-Alba 1995. Gaelic archive service from 1995 conducted by Rev John Ferguson, Church of Scotland 1995.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 133: 1-3 air fonn Free Church agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Rubha.
Salm 63:2-3 air fonn London New agus 's e Iain Eachainn MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas .
Leughadh: Gnìomharan nan Abstol 2: 1-20
Ceann-teagaisg: Gnìomharan nan Abstol 2: 1
An t-Ollamh Urramach Iain Fearghasdan 1937 - 2009
Rugadh Iain Fearghasdan ann an Cnoc an Torrain an Uibhist a Tuath sa Mhà irt 1937. An dèidh dha an sgoil fhà gail bha e ag obair an Uibhist agus air tìr-mòr, a' falbh bho obair gu obair. Aig an à m sin cha robh miann sam bith aige dreuchd sònraichte a leantainn.
Thà inig e fo bhuaidh an t-soisgeil nuair a bha dùsgadh spioradail ann an Uibhist ann an 1958 agus b' ann sa bhliadhna às dèidh sin a chaidh e gu Colaiste am Faith Mission an Dùn Èideann airson trì bliadhna. Às dèidh grunn bhliadhnaichean a chur seachad mar shoisgeulaiche ann an Alba agus ann an Èirinn, dh'fhairich e gu robh e ga ghairm gu bhith na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Rinn e ullachadh ann an Colaiste Skerry agus chaidh e às an sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d'fhuair e LTh. Thug e mach BD anns na bliadhnaichean às dèidh sin agus fhuair e urram o Cholaiste Chrìosdail Chanada nuair a rinn iad Dotair Diadhaireachd dheth ann an 1996.
Anns an Ògmhios 1973 fhuair Iain cead-searmonachaidh o Chlèir Ghlaschu agus anns an Dà mhair a' bhliadhna sin ghabh e gairm bho choitheanal Chrois Nis a Leòdhas far an robh e a' searmonachadh airson seachd bliadhna. Ann an 1980 ghluais e fhèin agus an teaghlach gu Port Rìgh agus bha e an sin gus an do leig e dheth uallach coitheanail ann an 2002. Rinn e fhèin is Oighrig, a bhean, an dachaigh anns a' Mhanachainn far am biodh e a' searmonachadh bho à m gu à m.
Phòs Mgr Fearghasdan Oighrig NicPhà il ann an 1969 agus bha triùir de theaghlach aca - Iain, Gilleasbaig agus Agnes - agus an-diugh tha triùir oghaichean aca, Acacia, Elijah agus Anndra. Bha Oighrig na cùl-taic do dh'Iain fad na bliadhnaichean a bha e na mhinistear agus cuideachd às dèidh dha a dhreuchd a leigeil seachad. Chan eil fada bhon a chaidh leabhar, anns a bheil còrr is fichead de na searmoin aig Iain a chlò-bhualadh, pròiseact air an do thòisich e fhèin mus do bhà saich e agus air na chuir Oighrig crìoch.
Bhà saich Iain air an t-siathamh là den Fhaoilleach 2009 agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Chille Mhoire ann an Uibhist a Tuath.
Last on
Broadcasts
- Sun 23 Nov 2014 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Nov 2023 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal