Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Seumas MacÌomhair, Eaglais Shaor a' Chnuic san Rubha ann an Leòdhas

Còmhla ris an Urr Seumas MacÌomhair, Eaglais Shaor a' Chnuic san Rubha ann an Leòdhas. Gaelic service conducted by Rev James MacIver, Knock Free Church, Lewis.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas
Salm 40: 1-2 air fonn St David agus 's e Ailean Guinne a bha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Chaoil.
Salm 89: 15-16 agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac
Salm 63: 2-3 air fonn London News agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.

Leughadh: Eòin 5: 24-40
Ceann-teagaisg : Eòin 5:39

'S ann do sgìre Thunga ann an Leòdhas a bhuineas Mgr MacÌomhair agus tha e air a bhith na mhinistear ann an Eaglais Shaor a' Chnuic airson seachd bliadhna deug. Bha e roimhe ann an Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear ann an Glaschu. Bhon bhliadhna 2000 tha e air a bhith na phrìomh neach-clèireach do dh'Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire. Bha Maighstir MacÌomhair na mhodaràtor air Àrd Sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 2011.
Chaidh Mgr MacÌomhair na òige gu Bun-sgoil Thunga agus às an sin gu Sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Lunnainn agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire.
Tha e pòsta aig Donna agus tha triùir a theaghlach aca agus ochdnar oghaichean. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin bidh e ag èisteachd ri ceòl clasaigeach, a' cluich golf agus a' leughadh.

30 minutes

Last on

Sun 30 Nov 2014 15:00

Broadcasts

  • Sun 30 Nov 2014 09:00
  • Sun 30 Nov 2014 15:00