Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Donnchadh MacFhionghuin 1995 - 1/2

Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Donnchadh MacFhionghuin bho 1995. Gaelic archive service from 1995, conducted by the late Rev Duncan MacKinnon.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 98: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn
Salm 67: 6-7 air fonn Stornoway agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn
Salm 68:7-8 air fonn London New agus 's e an t-Urr Donnchadh MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Portrigh.
Leughadh - Mata 14: 14-21
Ceann-teagaisg - Mata 14: 16

Rugadh Donnchadh air an Tairbeart sna Hearadh ann an 1924. Bha e san nèibhidh ri àm a' chogaidh eadar 1942 agus 1947. 'S e coitheanal Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach a' chiad choitheanal a bh' aige agus bha e an sin bho 1956 gu 1965. Ghluais e às an sin gu Eaglais na h-Alba ann an Cros, Nis an Leòdhas far a robh e bho1965 gu 1973. Ann an 1973 ghluais e gu coitheanal a' Phluic ann an Loch Aillse. Leig e dheth uallach coitheanail ann an 1989.

30 minutes

Dòmhnall A MacIllEathain (nach maireann)

Dòmhnall A MacIllEathain (nach maireann)

Broadcast

  • Sun 30 Nov 2014 21:00