
Còmhla ris an Oll Urr Dòmhnall MacLeòid
Seirbheis bho 2007 còmhla ris an Oll Urr Dòmhnall MacLeòid, nach maireann. Gaelic archive service from 2007 conducted by the late Prof Donald MacLeod.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 103: 12-13 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann a Steòrnabhagh.
Salm 9: 9 air fonn Evan agus 's e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Nam Manach Liath ann an Inbhir Nis.
Salm 30: 11-12 air fonn London New agus 's e Iain A MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho Àrd-eaglais Steòrnabhaigh.
Leughadh:Isaiah 40: 18-31
Ceann-teagaisg:Eabhraidhich 13:8
Chaochail an t-Ollamh Urramach Dòmhnall MacLeòid aig aois 82 na dhachaigh ann an Dùn Èideann sa Chèitein 2023. Bha cliù aige mar shearmonaiche, mar sgoilear agus mar sgrìobhaiche air leabhraichean diadhachd agus cuideachd air cùisean là itheil ann an colbhan sna pà ipearan-naidheachd.
Rugadh an t-Ollamh Urramach Dòmhnall Macleòid ann an Tà bost, Nis, Eilean Leòdhais, ann an 1940. Ghluais an teaghlach a Lacasdal, faisg air Steòrnabhagh ann an 1945 agus b' ann ann an sin a chaidh e dhan bhun-sgoil agus an uair sin gu Sgoil MhicNeacail. Cheumnaich Dòmhnall à Oilthigh Ghlaschu 's an uairsin à Colaiste na h-Eaglaise Saoire, 's chaidh a phòsadh ri coitheanal Chill Mhà illidh ann an 1964 far a robh e gu 1970. Bha e an uairsin na mhinistear ann am Partick Highland ann an Glaschu gus an d'fhuair e obair an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an 1978. Bha e a' teagasg Diadhachd agus fhuair e dreuchd Prionnsapal na Colaiste ann an 1999 agus bha e an sin gus an do leig a dheth a dhreuchd. Bha e na neach-deasachaidh air iris-oifigeil na h-Eaglaise Saoire - The Monthly Record - eadar 1977 agus 1990.
Bha e pòsta aig Mà iri à Siabost agus bha triuir bhalach aca.
Last on
An t-Oll Urramach Dòmhnall MacLeòid

Broadcasts
- Sun 28 Dec 2014 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Dec 2024 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal