Main content
Sorry, this episode is not currently available

Seirbheis toiseach bliadhn' ùr còmhla ris an Urr Alasdair MacAmhlaigh, Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich

Seirbheis toiseach bliadhn' ùr còmhla ris an Urr Alasdair MacAmhlaigh, Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich. New year service with Rev A MacAulay, Tain and Fearn Free Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:
Salm 40: 5-6 air fonn St David agus 's e an t-Urr Dòmhnall MacCoinnich a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Highland Tolbooth aig Eaglais Naomh Eòin an Dùn Èideann.
Salm 57: 1-2 air fonn Martyrdom agus 's e Calum Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 80: 17-18 air fonn Stornoway agus 's e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Chaoil anns a Ghearasdan

Leughadh: Eòin 15: 1-17
Ceann-teagaisg: Eòin 15: 5

Rugadh 's thogadh Alasdair MacAmhlaigh ann am Breascleit air taobh siar Eilean Leòdhais. Buinidh athair 's a mhàthair dhan bhaile 's tha iad fhathast a' fuireach an sin.

Chaidh e dhan a sgoil ann am Breascleit agus a-rithist gu Àrd-Sgoil MhicNeacail ann a Steòrnabhagh mus do rinn e cùrsa einnseanaireachd ann an Colaiste Caisteal Leòdhais.

Thàinig atharrachadh spioradail na bheatha nuair a bha e dà bhliadhna thar fhichead. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd chuir e dà bhliadhna seachad ann an gnìomhachas na h-ola agus sia bliadhna deug na fhear-naidheachd aig a' BhBC ag obair ann an Inbhir Nis agus mu dheireadh ann an Steòrnabhagh.
Tha e pòsta aig Màiri, a bhuineas do sgìre Nis agus tha triùir chloinne aca, Luc, Emma agus Kate. Bha Alasdair agus Màiri le chèile an sàs ann an obair am measg òigridh Nis airson grunn bhliadhnachan mus do ghluais an teaghlach a Dhùn Èideann fhads a bha Alasdair a' frithealadh Colaiste na h-Eaglaise Saoire. Anns an Ògmhìos 2012 fhuair e cead-searmonachaidh agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois san Lùnastal.
A bharrachd air uallaichean a' choitheanail, bidh Alasdair a' dèanamh obair ann an grunn sgoiltean sa sgìre agus tha Màiri, a bhean, ag obair gu saor-thoileach còmhla ri màthraichean òga.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 4 Jan 2015 09:00
  • Sun 4 Jan 2015 15:00