
An t-Urr Coinneach Stiùbhart, an Eaglais Shaor 1994 2/2
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Coinneach Stiùbhart, an Eaglais Shaor 1994. Gaelic archive service from 1994 conducted by Rev Kenneth Stewart, Free Church Minister.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 103 1-2 air fonn Dundee agus 's e Alasdair MacNeacail a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Salm 59: 16-17 air fonn Torwood agus 's e Calum Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann a Steòrnabhagh
Leughadh: Iosua 4: 1-24
Ceann-teagaisg: Iosua 4
Rugadh 's thogadh an t-Urr Coinneach Stiùbhart ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath agus thà inig atharrachadh spioradail na bheatha nuair bha e ochd bliadhna deug.
Fhuair e foghlam ann an Bun-Sgoil nan Ceallan agus Sgoil Phaibeil an Uibhist, Sgoil MhicNeacail an Leòdhas agus, an dèidh sin, ann an Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire an Dùn Èideann. Tha e pòsta aig Anna à Garrabost san Rubha agus tha còignear chloinne aca.
Tha Mgr Stiùbhart na mhinistear air coitheanal Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte ann an Glaschu. Bha e roimhe sin na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Dowanvale ann am Partaig, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, Eaglais Shaor Toronto agus Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Last on
Broadcasts
- Sun 22 Nov 2015 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Jan 2020 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal