
Hamish Mac an TÃ illeir, Eaglais Shaor Cheann a Tuath na Hearadh
Còmhla ri Hamish Mac an Tà illeir, Èildear Eaglais Shaor Cheann a Tuath na Hearadh. Gaelic service conducted by Hamish Taylor, North Harris Free Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 24: 1-2 air fonn Evan agus 's e an t-Urramach Coinneach Stiùbhart a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Òib.
Salm 24: 7-8 air fonn Montrose agus 's e an t-Urr Coinneach Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 25: 1-3 air fonn Coleshill agus 's e Fionnlagh Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais an h-Alba ann an Nis.
Leughadh: Salm 24
Ceann-teagaisg Salm 24:7
Rugadh Hamish Mac an Tà illeir ann an Fleòideabhagh sna Hearadh. Bha a mhà thair às an sgìre sin agus 's ann à Canada a bha athair ged a thogadh e anns na Hearadh. Chaidh Hamish oideachadh ann an Sgoil Mhà nais agus ann an Àrd-Sgoil an Tairbeirt. Às dèidh an sgoil fhà gail bha e a' sàs ann an obair an iasgaich airson beagan bhliadhnaichean gus an do thill e gu foghlam aig à rd-ìre agus a thug e a-mach dreuchd Oifigear Radio còmhla ris a' Chabhlach Mharsanta. Chuir e seachad bliadhnaichean anns an dreuchd sin gus an do phòs e. Ghluais e an uairsin gu obair ùr, gu dreuchd innleadair dealain aig stèisean an Decca còmhla ri buidheann a bha a' toirt seirbheis treòrachaidh do bhataichean-mara agus do dh'itealain. Dh'fhuirich e anns an obair sin airson 35 bliadhna gus an do leig e dheth a dhreuchd. Chaith e a' mhòr-chuid den dreuchd sin anns an h-Eileanan an Iar, ann an Nis agus ann am Barraigh agus mar sin tha min-eòlas aige air na h-Eileanan bho cheann gu ceann, ach bha obair cuideachd ga thoirt gu à iteachan eile air feadh na rìoghachd agus ann an Èirinn.
'S ann à Griomasaigh an Uibhist a Tuath a tha Leacsaidh, bean Hamish agus tha dithis chloinne aca. Tha Seumas, am mac, na cheannard air obair innleadaireachd ann an Abu Dhabi agus tha sin a' toirt cothrom dha Hamish agus Leacsaidh a bhith a' siubhail a sin air saor-là ithean. Tha an nighean aca, Fionnghal, a' fuireach nas fhaisg air an dachaigh anns an Òb, sna Hearadh. Tha ceathrar oghaichean aig Hamish agus Leacsaidh, dithis nighean an duine aig Seumas agus aig Fionnghal agus aon iar-ogha.
Tha Hamish na èildear ann an Eaglais Shaor Cheann a Tuath na Hearadh agus bha e roimhe sin na èildear ann an Eaglais na h-Alba airson còrr air deich thar fhichead bliadhna agus anns an ùine sin chaidh a choisrigeadh mar Leughadair agus bha e air a chleachdadh gu tric mar shearmonaiche na choitheanal fhèin agus air feadh nan eilean.
Nuair nach bi e an sàs ann an gnothaichean eaglais agus a gheibh e ùine dha fhèin, bidh Hamish a' cur seachad tòrr ùine aig muir. Bhon a leig e dheth a dhreuchd tha e air a bhith a' toirt luchd-turais timcheall nan cladaichean anns an eathar aige gach samhradh. Tha sin na mhòr-thlachd dha oir tha e a' faighinn cothrom coinneachadh ri mòran theaghlaichean, a tha e fhèin ag rà dh "a tha a' toirt dha farsaingeachd-inntinn."
Chuir Hamish seachad mòran bhliadhnaichean mar bhall de Shiostam Èisteachd na Cloinne anns na h-Eileanan agus tha e fhathast na bhall air iomadh buidheann coimhearsnachd ann an Ceann a Deas na Hearadh. Canaidh e fhèin nach robh e riamh cho dripeil 's a tha e air a bhith bho leig e dheth a dhreuchd, ach a rèir choltais, tha amharas aig a charaidean nach iarradh e a bhith air a chaochladh!
Last on
Hamish Mac an TÃ illeir

Broadcasts
- Sun 29 Nov 2015 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Nov 2015 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal