
Santa Claus am Mòinteach Bharabhais
Donnchadh MacGillIosa a' leughadh na sgeulachd aige mu bhalach a Nis a tha feitheamh ri Santa. Duncan Gillies reads a short story from his book Mairi Dhall agus Sgeulachdan Eile.
Là na dhà ron Nollaige agus tha balach beag a' feitheamh ri Santa Cluas ann a Nis a Leòdhas agus e a' cluinntinn gu bheil e air a shlighe air mòinteach Bharabhais.
'S e sgeulachd tha seo à leabhar Dhonnchaidh MhicGillIosa, Mà iri Dhall agus Sgeulachdan Eile a chaidh fhoillseachadh le CLÀR agus am pròiseact Ùr-Sgeul ann a 2013. Thug Donnchadh cruinneachadh eile de sgeulachdan goirid, Tocasaid 'Ain Tuirc, a-mach leis an aon fhoillsichear ann an 2004. 'S ann às a' Chnoc Àrd ann a Nis a tha Donnchadh agus chaidh e a dh'Oilthigh Obar Dheathain. 'S ann a Lunnainn a tha e air na leth-cheud bliadhna mu dheireadh de shaoghal a chuir seachad agus 's e obair gà irnealaireachd ris a bheil e. Tha na caractaran agus a' chainnt a th'anns na sgeulachdan aige cho breà gha air an dealbh aige, le beartas nach eil gann, agus nan tlachd dhan chluais. Tha Leòdhas, a tìr agus a muinntir, a' sruthadh às an sgrìobhadh aige.
Tha facail na sgeulachd rin leughadh aig clar.org.uk fhads a tha an sgeulachd ri fhaighinn air iplayer a' BhBC. Faodaidh sibh a bhith a' leughadh na sgeòil fhads a tha sibh ag èisteachd ri Donnchadh ga h-innse!
Last on
Broadcast
- Christmas Eve 2015 17:16ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal