Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Aonghas Mac a' Ghobhainn, Didòmhnaich Slat Phailm 2001

Seirbheis Didòmhnaich Slat Phailm bho 2001 còmhla ris an Urr Aonghas Mac a' Ghobhainn. Palm Sunday service from 2001 with Rev Angus Smith, retired oil industry chaplain.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 65: 4-5 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn
Salm 78: 52-53 air fonn St David agus 's e Fionnlagh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn.
Salm 73: 24-25 air fonn Stornoway agus 's e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlàradh ann an Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.

Leughadh: Lùcas 28-40
Ceann-teagaisg: Lùcas 19: 38

Tha Mgr Mac a' Ghobhainn air a dhreuchd a leigeil dheth an-diugh ach 's ann aig an arm a chuir e seachad a' chuid bu mhotha de mhinistrealachd. Bha e a' frithealadh rèisimeidean leithid Rèisimeid na Banrigh anns a' Ghearmailt, Èirinn a Tuath, agus na h-Eileanan Falkland agus bha e cuideachd na thaic aig rèisimeidean air feadh na dùthcha eadar Sasann is Alba. Bho àm gu àm bhiodh e a' dol còmhla ri seann saighdearan agus bhiodh e os cionn seirbheisean cuimhneachaidh anns an Fhraing agus àiteachan eile. Dh'fhàg e an t-arm san Lùnastal 1991.

'S ann do sgìre Cheòis air na Lochan ann an Leòdhas a bhuineas Mgr Mac a' Ghobhainn. Chaidh e gu Bun-Sgoil Chnoc Iain Duibh, Àrd-Sgoil MhicNeacail agus gu Oilthighean Ghlaschu agus Obar Dheathain.

Chaidh a phòsadh ri clèir Uibhist agus bha e a' frithealadh coitheanal Bheinn a' Bhadhla, far an robh e cuideachd na mhinistear aig ionad an airm, mas deach e a fhrithealadh rèisimeidean thall sa bhos chun Lùnastal 1991.

Mìos às dèidh dha an t-arm fhàgail thòisich Mgr Mac a' Ghobhainn na mhinistear-cuideachaidh aig gnìomhachas na h-ola far an robh e stèidhichte ann an Obar Dheathain. Bha an obair aige mar mhinistear-cuideachaidh ga thoirt a-mach gu cruinn-ola sa Chuan a Tuath agus ann am Bàgh Poll a' Ghrùthain a latha agus a dh'oidhche. 'S iomadh Nollaig a chuir e seachad air clàr-ola ann an droch shìde còmhla ris an luchd-obrach. Bha e an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd anns a' Mhàrt 2006.

Tha Mgr Mac a' Ghobhainn a-nise air a dhreuchd a leigeil dheth, uill gu ìre co-dhiù! Tha e nise a' fuireach ann an Dùn Èideann, ach tha obair na ministrealachd fhathast ga chumail trang eadar a bhith searmonachadh anns a' Ghàidhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann agus a' dèanamh sheirbheisean fhathast airson an airm agus a' toirt taic dhaibhsan a tha air fulang air sgàth a bhith san arm no tha air buill dhen teaghlaichean a chall ri linn 's gu robh iad anns an arm.

Nuair a bhios ùine aige dha fhèin bidh e a' cur seachad tòrr ùine còmhla ri theaghlach. Tha ceathrar mhac aige fhèin, 's a bhean, Seonag, a bhàsaich an-uiridh. Bidh e cuideachd a' cur seachad tòrr ùine a' leughadh - gu h-àraidh leabhraichean air diadhachd - a' tadhal air an leabharlann agus ann an ionadan ealain. Tha ùidh mhòr aige ann an ceòl bho phuirt-a-beul gu ceòl clasaigeach agus a bharrachd air an sin is toigh leis a bhith a' tadhal air eaglaisean, a' sreap bheanntan agus a' cumail sùil air a' mhuir. Dè eile a shùilicheadh tu bho eileanach!

30 minutes

Broadcast

  • Sun 20 Mar 2016 21:00