Main content
Sorry, this episode is not currently available

Didòmhnaich Càisg còmhla ris a' Chanan Seumas MacNèill

Seirbheis Didòmhnaich Càisg còmhla ris a' Chanan Seumas MacNèill. Easter Sunday service conducted by Canon James MacNeil.

Anns an t-seirbheis, cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Glòir do Dhia tha Sinne Seinn Do Chliù, Kyrie agus Alleluia le Còisirean Eaglaisean Bharraigh, Salm 15 le Mairi NicAonghais agus An Gloria le Còisir Eaglais Naomh Peadair. A' seinn A Thighearna Dhia, tha Kirsteen Menzies, Anna Nic na Ceàrdaich agus Pol MacCaluim.

Leughaidhean: Gnìomharan nan Ostail 1: 34-43 agus Litir Naomh Pol gu na Colosianaich.

Rugadh Mgr. Seumas air Eilean Bharraigh agus 's ann gu Colaiste na Sagairteachd anns an Ròimh a chaidh e airson ionnsachadh a bhith na shagart.

Bha e na shagart paraiste san Eilean Sgitheanach airson grunn bhliadhnaichean agus bha e cuideachd a' frithealadh paraiste an Dòrnaidh agus an Ath Leathainn. Roimhe sin, bha e na shagart paraiste ann am Beinn na Faoghla agus ann am Mòrar. Bha e cuideachd a' teagasg ann an Roinn na Diadhachd aig Oilthigh Ghlaschu airson còig bliadhna.

Bha Mgr. Seumas na Iar Easbaig air Sgìre Easbaig Earra-Ghàidheil agus nan Eilean gu bho chionn ghoirid agus tha e fhathast stèidhichte aig Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban.

Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, 's toigh leis a bhith a' leughadh agus a' coiseachd.

30 minutes

An Canan Seumas MacNèill

An Canan Seumas MacNèill

Broadcasts

  • Sun 27 Mar 2016 09:00
  • Sun 27 Mar 2016 15:00