
1/2 Seirbheis Didòmhnaich Cà sg 2001 còmhla ris a' Chanan Iain A Mac a' Bhreatannaich
Seirbheis Didòmhnaich Cà sg còmhla ris a' Chanan Iain A Mac a' Bhreatannaich bho 2001. Archive service for Easter Sunday with the late Canon John A Galbraith from 2001.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Do Là mh a Chrìosda le Còisir Eaglais Naomh Barr anns a' Bhà gh a' Tuath.
'S e 'n Tighearna mo Bhuachaille le Criosaidh NicDhòmhnaill
Thighearna ar Dòchais le Còisir Eaglais Naomh Peadair, Dalabrog.
Leughaidhean:
Gnìomharan nan Ostail 10: 34, 37-43
Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Colosianach 3: 1-4
Eoin 20: 1-9
Rugadh Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich neo 'an Canan' mar is fheà rr a dh'aithnichear e, ann am baile Bhrèibhig ann am Barraigh ann an 1945. Ghluais an teaghlach aige dhan Òban nuair a bha e gu math òg. B' ann às dèidh sin 's gun e ach dusan bliadhna a dh'aois a dh'fhairich e ann fhèin gun robh ceangal daingeann agus là idir aige ris an eaglais agus ri chreideamh agus cha robh fada gus an deach e a dh'ionnsaigh dreuchd na sagartachd.
Às dèidh dreuchd sagart a thoirt a-mach anns a' Ghiblean 1971, chuireadh e gu paraiste Naomh Peadair ann an Dalabrog na shagart-cuideachaidh agus 's ann as an dearbh pharaiste a chrìochnaich e na là ithean mu dheireadh dha bheatha. A bharrachd air paraiste Dhalabroig bha e cuideachd na shagart ann an sgìrean eile leithid Ceann Loch Chille Chiarain agus an t-Òban.
Bha an Canan Iain Aonghas daingeann na chreideamh, bha e airson daoine a thà ladh air ais dhan na h-eaglaisean agus rinn e obair mhòr ann a bhith dèanamh sin. Bha urram aig daoine dha, sean is òg, agus bha sin gu math follaiseach bhon à ireamh dhaoine a thà inig chun na seirbheisean a chaidh a chumail ann an Glaschu, an t-Òban agus Uibhist nuair a bhà saich e gu h-obann ann an 2006.
Bha ùidh mhòr aig a' Chà nan anns a' Ghà idhlig agus ann an cultar agus dualchas na sgìrean is e an còmhnaidh deònach pà irt a ghabhail agus taic a thoirt do phròiseactan, seirbheisean agus prògraman Gà idhlig. Bha ùidh aige as a' choimhearsnachd a bha e a' frithealadh, agus e an còmhnaidh a' toirt taic agus a' feuchainn ris a' chà nan agus an cultar a ghleidheadh. Chruinnich e na h-ùrnaighean anns a' Ghà idhlig agus tha iad a-nis rim faighinn air là rach-lìn na sgìr-easbaig mar chuimhneachan air. Bidh cuimhne aig daoine air airson an strì agus an taic a thug e dhan choimhearsnachd aige fhèin nuair a bhathar a' feuchainn ri seirbheisean a ghleidheadh ann an Ospadal Dhalabroig agus foghlam aig à rd-ìre a ghleidheadh san à rd-sgoil anns a' sgìre.
Last on
Broadcast
- Sun 27 Mar 2016 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal