
An t-Urr Calum Iain MacLeòid, ministear Eaglais Shaor a' Bhac
Còmhla ris an Urr Calum Iain MacLeòid, ministear Eaglais Shaor a' Bhac. Gaelic religious service conducted by the Rev Calum Iain MacLeod, Back Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 23: 1-2 air fonn Free Church le Aonghas Dòmhnallach os cionn na seinn, agus taic bho choitheanal Seminaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh
Salm 73: 25-26 air fonn Torwood le Murchadh MacLeòid os cionn na seinn, agus taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann
Salm 16 air fonn Moravia le Coinneach Aonghas MacAoidh os cionn na seinn, agus taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Ùige, Leòdhas.
Leughadh: Eoin 6: 48, 58-71
Ceann teagaisg: Eoin 6: 68
Chaidh an t-Urramach MacLeòid a phòsadh ri coitheanal a' Bhac san Lùnastal 2010. Roimhe sin, bha e na mhinistear ann an Eaglais Shaor Bharabhais an Eilean Leòdhais.
Mus deach e steach airson na ministrealachd, bha e na mhanaidsear air Pròiseact Urras Choimhearsnachd Chalanais agus nan Geà rranan air taobh siar Leòdhais.
'S ann do dh'eilean Sgalpaigh a bhuineas Calum Iain, agus thà inig e gu bhith na Chrìosdaidh nuair a bha e trì bliadhna deug a dh'aois. Tha e fada an comainn an Urramaich Alasdair Mac a' Ghobhainn, a bha na mhinistear ann an Eaglais Shaor Sgalpaigh aig an à m, airson an taic agus an stiùireadh a thug e dha na òige.
Tha e pòsta aig Dina agus tha triùir chloinne aca, Anne Marie, Rachel Kate agus Eilidh. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, 's toigh leis a bhith ag iasgach, a' coiseachd agus a' coimhead eunlaith.
Last on
An t-Urr Calum Iain MacLeòid agus a bhean Dina

Broadcasts
- Sun 3 Apr 2016 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Apr 2016 14:59ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Jul 2016 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Jul 2016 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal