Main content
This programme is not currently available

Ist! 'Eil e ach an leth-uair co-dhiù

Tha te a' ceilidh air bana-charaid san ospadal. Sgeulachd ghoirid le Fionnlagh Maclèoid. Finlay Macleod reads his short story in which a woman visits a friend in hospital.

'S e sgeulachd tha seo à leabhar Fhionnlaigh Mhicleòid, Dìomhanas, a chaidh fhoillseachadh le CLÀR agus am pròiseact Ùr-Sgeul ann a 2008. Tha 24 sgeulachd san leabhar, sgeulachdan a chaidh a sgrìobhadh thairis air iomadach bliadhna agus air an toirt cruinn san leabhar le saidhbhreas chuspairean ga thogail. Tha e a' cluiche le tìm agus eachdraidh, agus a' gleac le saoghal agus cànan a tha ag atharrachadh agus a' beachdachadh air beatha agus smuaintean dhaoine agus an iomadh suidheachadh.

Ann a Ist! 'Eil e ach a leth-uair co-dhiù tha te a' ceilidh air bana-charaid dhi, Màiri a san ospadal ann an Inbhir Nis. Tha an te a tha a' tadhal air gluasad dhan bhaile à Leòdhas agus inneas aic' air mar a tha a beatha a sin an taca ri mar a bha e.

Tha a bhith ag aithris sgeulachd mar seo cudromach do Fhionnlagh agus e mothachail air an earrann mhòr de dhaoine dha nach biodh e furast' leabhar Gàidhlig a leughadh ach a tha cho measail air còmhradh, air sgeulachd agus air cainnt.
Agus airson cuir ris a sin, do dhaoine a tha a' togail a' chànain, tha facail na sgeòil rin leughadh aig clar.org.uk fhads a tha an sgeulachd ri fhaighinn air iplayer a' BhBC. Faodaidh sibh a bhith a' leughadh na sgeòil fhads a tha sibh ag èisteachd ri Fionnlagh ga h-innse!

15 minutes

Last on

Fri 25 Mar 2016 17:15

Broadcast

  • Fri 25 Mar 2016 17:15