Main content

Episode 4

Episode 4 of 15

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Sa phrògram seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Hilary Christie à Gleann Lìobhait agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil agus tha an t-Ollamh Michel Byrne a' toirt thugaibh Oisean a' Ghràmair.

John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to learner of the week, Hilary Christie of Glenlivet about her learning experience. Gaelic grammar help is also on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the ѿý archives to illustrate some of the complexities of the language.

Supporting materials for the series can be found at bbc.co.uk/radionangaidheal.

Available now

53 minutes

Last on

Sun 25 Jul 2021 10:30

Tar-sgrìobhadh: Runrig: Play Gaelic

Calum Dòmhnallach agus Art MacCarmaig


Art: Uill uill, bha a’ chùis a’ sìor ghluasad. Ùidh aig Lismore Recordings anns na balaich, cothrom clàr a chur ri chèile, ach cha robh an rathad gu bhith cho rèidh sin. Bha aonta ri ruighinn mu làithean-clàraidh, an dealbh a bha gu bhith air a’ chèis agus rud neo dhà eile.


Ach an dèidh còmhradh agus deasbad thall ’s a bhos, chaidh a’ chùis a rèiteach, is bha na balaich deiseil airson a dhol a-steach dhan stiùidio airson a’ chiad uair agus ceum mòr eile a ghabhail nam beatha.


Le faclan, innealan-ciùil is eagal am beatha orra, rinn iad air na studios clàraidh, agus bha Play Gaelic air an t-slighe. No an robh? Bha tòrr ri ionnsachadh.


Calum: Cha do dh’obraich sinne riamh ann an stiùidio ron a sin, agus (tha mi) a’ smaointinn, bha sinn uile a’ faireachdainn gu math uaine. Cha robh ann dìreach ach an triùir againn, Donnie, mi fhèin is Ruairidh a’ tighinn a-null à Dùn Èideann a h-uile latha.


Thòisich sinn air Diluain agus ged a bha a’ chiad latha no dhà gu math cugallach, mu dheireadh na seachdain bha sinn a’ fàs caran bragail mu dheidhinn an gnothach. Agus Rob bochd nach maireann, Rob Dòmhnallach, bha esan ann an Inbhir Nis. Bha e a’ teagasg ann a shin, agus cha b’ urrainn dha faighinn dheth obair airson na seachdain idir. Agus mar sin, bha esan gu bhith a’ tighinn sìos air Oidhche Dihaoine.


Bha Rob ann an deagh thrum mar as àbhaist. Ach mhothaich sinn fhad ’s a bha sinn a’ tighinn nas fhaisge air an stiùidio, thòisich Rob a’ dol caran sàmhach. Agus uill, nuair a chunnaic e an taigh mòr, an stiùidio mu choinneimh, chaidh na nerves tha mi a’ smaointinn dìreach troimh-a-chèile uile gu lèir.

Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 4

Bean an Taighe


Tha Calum glè choltach ri athair, ach is ann ri a màthair a tha Màiri coltach. Tha iad le chèile beag, sgiobalta, le falt dubh, sùilean gorma, agus gruaidhean dearga.


Rugadh agus thogadh màthair na cloinne ann an Cnoc an Fhraoich, dà mhìle gu leth an iar air Loch an Dùin. Is fhada bhon bha i fhèin agus Seumas, an duine aice, eòlach air a chèile, oir bha iad còmhla anns an sgoil, ann an Coir an t-Sìthein. Is e Mòrag NicCoinnich an t-ainm a bha oirre anns an sgoil. Tha ise nis cho dèidheil air Loch an Dùin ri Seumas fhèin, ach is tric a bheir i sgrìob fhathast gu Cnoc an Fhraoich. Bidh a’ chlann a’ dol ann cuideachd. Is fìor thoigh leotha a dhol air chèilidh air an seanair agus an seanmhair, agus air Alasdair, bràthair am màthar, a tha na chìobair ann an Cnoc an Fhraoich.


An uair a dh’fhàg Mòrag, màthair na cloinne, sgoil Choir an t-Sìthein aig aois cheithir bliadhna deug, thug i còrr is dà bhliadhna ag obair anns an taigh-òsta ann an Àird na Creige, far am bi mòran do luchd-turais a’ tighinn air chuairt gach samhradh. Bha i an dèidh sin còig bliadhna ann an Glaschu, ann an Dùn Èideann, agus anns an Òban, mus do phòs i. Tha i mar sin glè eòlach air tir-mòr, ach is fheàrr leatha gu mòr a bhith anns an eilean far an do thogadh i, agus cha bhi i tric a’ dol a dh’àite eile; chan eil cus ùine aice co-dhiù. A h-uile samhradh bidh i fhèin agus a’ chlann a’ dol cuairt don Ghearastan. Tha Anna, a piuthar, pòsta an sin, agus tha triùir chloinne aice, Dòmhnall is Coinneach is Seònaid.


Ged a tha Mòrag beag, tha i air leth math air obair, agus is ise a dh’fheumadh sin, oir tha gu leòr aice ri dhèanamh, eadar an taigh, a’ chroit, a’ chlann, agus a h-uile rud. Cha mhòr a chanadh gun dèanadh i na tha i a’ dèanamh, is gun innte ach còig troighean agus trì òirlich a dh’àirde; ach tha lùths math innte, agus cha chuir obair chruaidh cùram idir oirre.


A. Freagair na ceistean seo a-nis - agus sin cho math ’s a tha agad!


1. Dè an dath a tha air falt Màiri, air a sùilean agus air a gruaidhean?
2. Dè an dath a tha air d’ fhalt fhèin, agus air do shùilean?
3. Dè an t-astar a tha eadar Cnoc an Fhraoich agus Loch an Dùin?
4. Dè an t-astar a tha eadar an taigh agaibh fhèin agus am baile as giorra dha?
5. Cò air a bhitheas màthair Màiri a’ dol air chèilidh?
6. Cò air a bhitheas tu fhèin a’ dol air chèilidh?
7. Dè an aois a bha Mòrag an uair a dh’fhàg i an sgoil?
8. Dè an aois a bhitheas tu fhèin an uair a dh’fhàgas tu an sgoil seo?
9. Dè an aois a bha thu an uair a thàinig thu innte?
10. Càit a bheil piuthar Mòraig a’ fuireach?
11. Dè bhitheas bràthair Mòraig a’ dèanamh?
12. Càit am bi Mòrag agus a’ chlann a’ dol a h-uile samhradh?
13. Càit am bi thu fhèin a’ dol?
14. Dè an àird a tha ann am màthair na cloinne?
15. Saoil dè an àird a tha ann am balla na h-eaglaise?


B. Cuir facail fhreagarrach far a bheil feum orra:


1. Bidh sinn a’ faicinn le ar....
2. Bidh sinn a’ cluinntinn le ar....
3. Bidh sinn ag obair le ar....
4. Bidh sinn ag ithe le ar....
5. Bidh sinn a’ ruith le ar....
6. Is ann le.... a bhitheas duine a’ sgrìobhadh.
7. Tha an tuathanach a’ treabhadh le....
8. Bidh sinn a’ ruamhar le....
9. Bidh sinn ag iasgach le....
10. Tha an gille ag iomain le....


C. Bi air d’ earalas leis an fheadhainn seo!


1. Cia mheud òirleach a tha ann an troigh?
2. Cia mheud troigh a tha ann an slait?
3. Cia mheud òirleach a tha ann an slait?
4. Cia mheud òirleach a tha ann an dà throigh gu leth?
5. Cia mheud òirleach a tha ann an dà shlait gu leth?
6. Cò aca as fhaide - slat gu leth no ceithir troighean?
7. Cò aca as truime - punnd iarainn no punnd itean?
8. Cia mheud earball cait a ruigeadh an t-adhar?

Tar-sgrìobhadh: Thuige Seo

Màiri Anna NicDhòmhnaill ann an còmhradh ri Dòmhnall Moireasdan


Màiri Anna: Gu ìre, bha mi a’ smaoineachadh gur dòcha gun dèanainn barrachd le cànain anns an oilthigh. Bha mi a’ smaoineachadh gun dèanainn Gearmailtis, ach nuair a bha thu a’ dol a dh’oilthigh Ghlaschu an uair sin, bha neach-comhairleachaidh aig a h-uile duine, is bha thu a’ dol a choimhead air an duine sin. Chan eil mi idir a’ dol a dh’ainmeachadh cò e, ach tha e beò, tha fhios aige fhèin! A’ chiad latha a bha thu san oilthigh, bha thu ann a shin nad neoichiontach, beag, seachd bliadhn’ deug ag ràdh, “Tha mise a’ smaoineachadh gun dèan mi seo, gun dèan mi Beurla is Gàidhlig is Gearmailtis!”


Uill, choimhead an duine seo orms’ is thuirt e, “Tha Gearmailtis aig naoi uairean sa mhadainn.”


Bha seòrsa de.... bha tòrr air cùlaibh sinach. Bha sin ag ràdh, ‘Chan eil thusa coltach ri tè tha dol a dh’èirigh son clas aig naoi uairean sa mhadainn.’ Bha e cho ceart ri ceart, cha do ghabh mi idir e.


Dòmhnall: Dè rinn thu ma-thà?


Màiri Anna: Rinn mi litreachas na h-Alba, bha sin air aig meadhan-latha.


Dòmhnall: Chan eil mi gad chreids’. Rinn thu e air sgàth ’s gun robh ùidh agad ann a-nise.


Màiri Anna: Uill, bha seòrsa.... bha ùidh agam ann gu ìre. Bha mi ag iarraidh psychology a dhèanamh, is thuirt e rium gun robh mi ro òg. Bha mi ro òg airson psychology, bha mi ro leisg airson Gearmailtis. Cha robh e a’ fàgail cus agam!


Dòmhnall: Rinn thu Gàidhlig cuideachd.


Màiri Anna: Rinn mi Gàidhlig airson bliadhna. Rinn mi Gàidhlig is Beurla, Litreachas na Beurla, Litreachas na h-Alba.


Dòmhnall: Is carson a lean thu le Litreachas na Beurla seach Gàidhlig?


Màiri Anna: Uill, bha Gàidhlig.... ma bha thu a’ dol a chumail ort le Gàidhlig, dh’fheumadh tu Cuimris is Gàidhlig na h-Èirinn a dhèanamh, is bha sin a’ coimhead cianail fhèin doirbh is bha Beurla a’ coimhead cianail fhèin furasta. Ach, gu mi-fhortanach, aon uair ’s gun d’ rinn thu do roghainn gun dèanadh tu Beurla, thàinig an uair sin Anglo Saxon, seann Lochlannais, seann Ghearmailtis! Thàinig na cànain doirbh na sreath is na sruth! ’S dòcha gum bithinn a bhith na b’ fheàrr a’ fuireach far an robh mi leis a’ Chuimris.

Sùil air a' Mhapa 4

Both. A hut or booth. B-O-T-H. Tha an eileamaid seo meadhanach pailt ann an ainmean-àite. Mar eisimpleir, Bohuntine, faisg air a’ Ghearasdan. ’S e sin Both Fhionndain – Findan’s hut. Bha Fionndan na naomh – a saint. Tha Bohally – no Both Àlaidh – ann an Siorrachd Pheairt. Tha daoine dhen bheachd gu bheil e ag ainmeachadh naomh eile. Ann am Moireibh, tha Bomakelloch – Both Mo Cheallaig – the hut of St Ceallag. Naomh eile!


Tha Naomh Cainnear air a chuimhneachadh ann an Siorrachd Shruighlea ann am Both Cainneir. Ann am Beurla bidh daoine ag ràdh Bothkennar. Tha iad a’ fuaimneachadh an ‘th’ oir bha an ‘th’ air fhuaimneachadh anns an t-seann Ghàidhlig.


Chan eil ‘bothan’ an-còmhnaidh co-cheangailte ri naomh. Tha Bochastle faisg air Calasraid no Callander. Sin Both a’ Chaisteil – the hut of the castle. Bha am both air a thogail faisg air gearasdan a bha uaireigin aig na Ròmanaich – ’s e sin an ‘caisteal’.


A bheil ainmean-àite le ‘both’ annta a tha ainmeil? Uill, tha. Uaireannan, ge-tà, chan eil e follaiseach gur e ainm le ‘Both’ a th’ annta. Oir, ann am Beurla, tha an t-ainm a’ tòiseachadh le ‘Bal-’. Mar eisimpleir Both Chuidir. ’S e sin Balquhidder ann am Beurla. Agus Both Mhoireil ann an Siorrachd Obar Dheathain. ’S e sin Balmoral. Both Mhoireil. Far a bheil caisteil rìoghail ainmeil an-diugh, bha both sìmplidh ann uaireigin. Ach bidh an teaghlach rìoghail nas toilichte ann an caisteal na bhitheas iad ann am both!

Oisean a’ Ghràmair 4: Notaichean

1. RI....


Art MacCormaig (‘Runrig’):


“Bha aonta ri ruighinn mu làithean-clàraidh, an dealbh a bha gu bhith air a’ chèis agus rud neo dhà eile.”
“A𳾱Գ had to be / was to be reached about recording days, the picture for the album cover and one or two other things.”
“Bha tòrr ri ionnsachadh.”
“There was plenty to be learnt / plenty to learn.”


Tha mi ag ionnsachadh.
‘I’m learning.’
Tha tòrr agam ri ionnsachadh.
‘I’ve got plenty to learn / plenty needing learnt.’


Tha mi a’ togail pasgan.
‘I’m picking up a package.’
Bha pasgan ri thogail.
‘There was a package to be picked up / needing picked up.’


Dè tha thu a’ dèanamh?
‘What are you doing?’
Dè tha ri dhèanamh?
‘What’s to be done?’ ‘What’s needing done?’


Tha tòrr ri chluinntinn agus tòrr ri ionnsachadh.
‘There’s plenty to hear and plenty to learn.’


2. SÙIL AIR AIS (Faicibh Prògram 3)


MU CHOINNEIMH.... (‘opposite, facing....’)


Coltach ri air beulaibh.... , ri taobh.... , etc. (Prògram 3):


mu choinneimh sin ‘opposite that’
mu choinneimh na sgoile ‘opposite the school’


mu mo choinneimh ‘opposite me’
mu do choinneimh ‘opposite you’
ma choinneimh ‘opposite him/it’
ma coinneimh ‘opposite her/it’


mar coinneimh ‘opposite us’
mur coinneimh ‘opposite you’
mun coinneimh ‘opposite them’


Calum Dòmhnallach (‘Runrig’)


“Agus uill, nuair a chunnaic e an taigh mòr, an stiùidio mu choinneimh, chaidh na nerves tha mi a’ smaointinn dìreach troimh-chèile uile gu lèir.”
“And well, when he saw the big house, the studio in front of him / facing him, I think his nerves just went all over the place / he just lost his nerve.”


an stiùdio ma choinneimh
‘the studio opposite him, facing him’


CHO.... RI (‘as.... as’)


Màiri Anna NicDhòmhnaill:


“Bha e cho ceart ri ceart”
“He was absolutely right.”


cho ceart ri ceart = gu tur ceart, ‘absolutely right’
cho ceàrr ri ceàrr = gu tur ceàrr, ‘totally wrong’


Tha iad cho ceàrr ri ceàrr.
‘They couldn’t be more wrong.’
Tha na pàrantan bàn ach a’ chlann cho ruadh ri ruadh.
‘The parents are fair-haired but the children are as red-haired as they come.’

Abairt na Seachdain

An doras air an tig amharas a-steach, thèid gràdh a-mach.

Broadcasts

  • Sun 10 Apr 2016 21:27
  • Wed 13 Apr 2016 12:00
  • Wed 13 Apr 2016 22:00
  • Sun 17 Apr 2016 10:30
  • Sun 24 Jul 2016 21:30
  • Wed 27 Jul 2016 12:00
  • Wed 27 Jul 2016 22:00
  • Sun 31 Jul 2016 10:30
  • Sun 18 Jul 2021 21:30
  • Wed 21 Jul 2021 12:00
  • Wed 21 Jul 2021 22:00
  • Sun 25 Jul 2021 10:30

Podcast