Episode 5
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Sa phrògram seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Fiona Patrick à Drochaid Charra agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil agus tha an t-Ollamh Michel Byrne a' toirt thugaibh Oisean a' Ghràmair.
In the fifth programme in this series for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to learner of the week, Fiona Patrick from Carrbridge about her learning experience. Gaelic grammar help is also on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the ѿý archives to illustrate some of the complexities of the language.
Supporting materials for the series can be found at bbc.co.uk/radionangaidheal.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
-
Tar-sgrìobhadh: Guthan Binn nam Bonn
Duration: 01:37
-
Beag air Bheag: Sreath 4: Prògram 5
Duration: 56:31
-
Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 5
Duration: 01:56
-
Beag air Bheag: Neach ionnsachaidh na seachdain
Duration: 31:48
Tar-sgrìobhadh: Guthan Binn nam Bonn
Anna Latharna NicIllÌosa (Anne Lorne Gillies)
Anne: Aig a’ chuairt deireannaich mar gum b’ e anns an taigh-dealbh, agus às dèidh dhuinn uile a bhith seinn, bha paca toitean aig cuideigin agus chuir e timcheall na toitein a bha seo!
Agus ghabh mise am measg a h-uile duine eile cha mhòr, ghabh mise 'fag' mar gum b’ e. Agus an uair sin, dh’èirich fear dha na britheamhan air a chasan deiridh, agus thuirt e gum fac’ e cuideigin agus barrachd air aon duine a’ gabhail toitean às dèidh na co-fharpais agus gun robh e an dòchas nach e, mar gum b’ e, droch chleachdadh a bha seo aig fear seach fear dhuinn, air sgàth ’s gu bheil e cho dona ris a’ ghuth!
Agus an uair sin, nuair a thàinig na comharran a-mach agus gun robh e follaiseach gun robh mise sa chiad àite, thàinig mar plàigh de luchd-meadhanan, luchd nam pàipearan-naidheachd sìos oirnn, agus an aon rud a bha iad airson faighinn a-mach bhuamsa an robh mise air a bhith smocadh!
Agus mar aineolach, cil-onaidh, òinseach a bh’ annamsa, thuirt mi, “Oh, ghabh mise toitean, ach na bi ag ràdh guth mu dheidhinn, chan eil fhios aig m’ athair gum bi mise a’ smocadh!”
Agus ann an trì mionaidean, bha m’ athair anns an oifis aige, agus am fòn a’ dol mar na clappers san oifis aige! An robh fhios aige gun robh an nighean aige air a bhith smocadh anns a’ cinema? Agus an ath latha nuair a thàinig na pàipearan-naidheachd a-mach, ’s e a’ chiad headline a bh’ aca, “Her father knows her guilty secret!”
Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 5
Mocheirigh an Taigh Chaluim
Cha mhòr ann an sgìre Lag na Coille air fad a tha air an cois cho tràth anns a’ mhadainn ri muinntir Sheumais. Cha chuala Calum agus Màiri a-riamh cò tha ag èirigh an toiseach, an athair no am àٳ, ach tha fios is cinnt gu bheil iad le chèile a’ dèanamh mocheirigh. Tha Calum fhèin gu math furasta a chur air a chasan aig ochd uairean a h-uile madainn, ach is ann caran cadalach a bhitheas Màiri an uair a thig i a-nuas aig cairteal no fichead mionaid an dèidh ochd, agus cha bhi i idir air a dòigh an uair a chanas Calum rithe, mar as tric a chanas:
“Tha feasgar math ann, a Mhàiri.”
“Nam bitheadh i cho dèidheil air an leabaidh aig leth-uair an dèidh naoi a dh’oidhche”, bidh a àٳ ag ràdh, “bhitheadh Màiri againne air a cois na bu tràithe.”
“Is e laighe tràth a nì a’ mhocheirigh”, bidh athair Màiri ag ràdh, an uair a bhitheas e ga ruagadh don leabaidh a h-uile feasgar eadar cairteal is deich mionaidean gu deich.
Tha athair is àٳ na cloinne gu trang ag obair aig beagan an dèidh seachd uairean gach madainn. Cho luath ’s a gheibh e cupa math de thì theth, làidir, an dèidh dha an teine a thogail, tha Seumas a’ dol a mach a bhiathadh nam beathaichean.
Tha gu leòr aig bean an taighe ri dhèanamh, a’ deasachadh biadh an teaghlaich agus a’ bleoghan na bà.
Aig leth-uair an dèidh ochd, tha a h-uile duine a th’ ann a’ suidhe mun bhòrd airson am bracaist, agus glè ghoirid an dèidh naoi uairean tha Calum is Màiri a’ togail orra don sgoil. Tha ise nis na làn dùisg agus ceud cabhag oirre gus am faigh i an sàs ann an obair na sgoile.
A. Faic cho soirbh ’s a tha iad seo a-nis!
1. Dè an uair aig am bi Seumas is Màiri ag èirigh?
2. Cuin a bhitheas Calum agus Màiri ag èirigh?
3. Cuin a bhitheas tu fhèin air do chois?
4. Dè an uair aig am bi thu ag èirigh Disathairne?
5. Cò an duine mu dheireadh a tha ag èirigh ann an taigh Sheumais?
6. Cò a’ cheud duine a tha air a chois anns an taigh agaibhse?
7. Cuin a bhitheas tu fhèin a’ dol a chadal?
8. A bheil thusa furasta do dhùsgadh anns a’ mhadainn?
9. Dè an uair aig am bi am bracaist aig muinntir Sheumais?
10. Cuin a bhitheas do bhracaist agad fhèin?
11. Cuin a bhitheas Màiri agus Calum a’ falbh don sgoil?
12. Cuin a bhitheas clann a’ bhaile agaibhse a’ falbh innte?
13. Cuin a tha an sgoil agaibhse a’ fosgladh?
14. Càit an robh athair Chaluim anns an sgoil?
15. Dè an sgoil anns a bheil thu fhèin?
B. Is e do chuid a-nis gach beàrn a tha seo a lìonadh:
1. “O mhoch gu ....”
2. “Moch .... ghabh i ’n cuan”
3. “.... gu loch, moch gu abhainn”
4. “Dh’ èirich mi moch .... Chèitein”
5. “Moch ’s mi ’g.... air bheagan èislean”
6. “Is leisg le leisgean dol a ....” Is seachd leisg leis ....”
C. Bidh iad seo nas fhasa:
1. Bidh m’ athair a’ .... an teine a h-uile madainn.
2. Bidh mo mhàthair a’ .... an arain air a’ chlàr-fuine.
3. Bidh a’ bhanarach a’ .... na bà.
4. Bidh sinn a’ .... na mònadh toiseach an t-samhraidh.
5. Bidh a’ chlann a’ .... leabhraichean anns an sgoil.
6. Bidh iad a’ .... litrichean.
7. Bidh na balaich a’ .... le ball.
8. Bidh duine leis a’ phathadh ag .... uisge.
9. Bidh sinn a’ cagnadh le ar ....
10. Bidh an tuathanach a’ .... an fheòir as t-fhoghar.
Tar-sgrìobhadh: Rubha Aonghais
Aonghas Dòmhnallach: Uill, fad ’s a bheil sinn nar seasamh ann a seo, dìreach mach bhuainn, tha cnap mòr is nuair a thèid thu sìos air a’ mhol, tha toll shìos fodha, toll mòr Bogha na Gile. Agus, chì thu muir a’ tighinn a-steach troimhe, tha an toll a’ dol bho taobh na mara dhan a’ chreig a-steach dhan a’ mhol. Agus tha cuimhne a’m m’ athair air a bhith ag ràdh rinn gum biodh iad a’ seòladh na h-eathraichean a-steach ann bho taobh na mara son tha an toll fhèin cho àrd. Ach, bhiodh na bodaich a’ cur feagal oirnn leis an uaimh a bha sin cuideachd.
Alasdair MacLeòid: Bhiodh gu dearbha fhèin, agus bhiodh sinn ann gu math tric ged a bhiodh iad a’ cantail rinn cumail air falbh bhuaithe, agus tha mac-talla iongantach ann. Nuair a bhios an tràigh a-muigh, ma gheibh thu a-steach pìos dhan gheodha, bhiodh sinn ag èigheachd is ag onghail ann a sin, a’ cluinntinn mac-talla. Ach, bha sgeulachd eile ann gur ann a siud a bhiodh Mac an t-Srònaich, agus gun robh e cunnartach a dhol ann agus gun robh a’ gheodha, cha b’ ann a-mhàin a Suardal, gu robh a’ gheodha a’ dol sìos a Gharrabost, gum biodh Mac an t-Srònaich air ais is air adhart anns a’ gheodha a tha seo fon talamh à Garrabost a Shuardal, ach chan fhaca sinn riamh Mac an t-Srònaich, ach cò aig a tha fios?
Aonghas: Tha sin a’ dearbhadh dhut gun robh underground anns an Rubha mus robh e riamh ann an Lunainn.
Sùil air a' Mhapa 5
Dùn Èideann. Tha sibh eòlach air a’ bhaile, tha mi cinnteach! Chan eil fios againn le cinnt dè tha Èideann a’ ciallachadh. ’S dòcha gur e ainm duine a th’ ann. Tha dùn a’ ciallachadh ‘fortress, castle’. Tha Dùn Èideann a’ nochdadh an toiseach anns an t-seann chànan Bhreatannach mar Din Eidyn. Edin-burgh ann am Beurla.
Tha an t-uabhas de dh’ainmean-àite le ‘dùn’ annta. Anns an Taobh Sear, ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich, tha grunnan ann. Mar eisimpleir – an Dùn Dearg, an Dùn Mòr agus an Dùn Beag. ’S e ‘dùn’ a’ Ghàidhlig air ‘broch’. Uaireannan tha na seann dùin co-cheangailte ri sgeulachdan na Fèinne – Fingalian legends.
Tha Dùn Dè – Dundee – a’ ciallachadh ‘fort on the Tay’. ’S e Dunkeld ann an Siorrachd Pheairt ‘Dùn Chailleann’ – ‘the fort of the Caledonians’ – seann treubh. Tha Dunragit na bhaile beag faisg air an t-Sròin Reamhair – no Stranraer. ’S e sin Dùn Reicheit ‘the fort of Rheged’, ag ainmeachadh seann rìoghachd Bhreatannach. Tha Dùn Breatann – ‘the fort of Britons’ ag ainmeachadh seann rìoghachd Bhreatannach eile. Sin Dumbarton ann am Beurla.
Uaireannan, tha dùn a’ seasamh airson cnoc, an àite caisteal. Nuair a thàinig a’ Bheurla a-steach gu sgìrean a bha Gàidhealach roimhe, dh’atharraich ‘Dùn’ uaireannan gu ‘Doon Hill’. Ach ’s e dùblachadh a th’ ann. Tha e a’ ciallachadh ‘hill hill’! Agus Doune faisg air Sruighlea? Far a bheil an caisteal a tha a’ nochdadh ann am filmichean mar Outlander? ’S e sin – gu sìmplidh – An Dùn. Beannachd leibh.
Oisean a’ Ghràmair 5: Notaichean
1. an IOLRA (plural) le –AICHEAN
Aonghas Dòmhnallach (‘Rubha Aonghais’):
“Agus tha cuimhne a’m m’ athair air a bhith ag ràdh rinn gum biodh iad a’ seòladh na h-eathraichean a-steach ann bho taobh na mara son tha an toll fhèin cho àrd.”
“I remember my father had told us that they used to sail the (fishing) boats in through it from the sea because the gap itself is so high.”
Gu math tric, ainmearan le -ar no -ir :
eathar eathraichean fishing boat(s)
piuthar peathraichean sister(s)
àٳmàthraichean mother(s)
athair athraichean father(s)
cathair cathraichean chair(s), seat(s)
nathair nathraichean snake(s)
seatharseathraicheanchair(s)
leabhar leabhraichean book(s)
iuchair iuchraichean key(s)
litirlitrichean letter(s)
No aimeanran le –a :
bhana bhanaichean van(s)
àٲ àٲichean boat(s)
ٰèԲٰèԲichean train(s)
plèanaplèanaichean plane(s)
teantateantaichean tent(s)
bliadhnabliadhnaicheanyear(s)
latha làithichean day(s) (cuideachd: làithean, làitheannan)
plana planaichean plan(s)
teacsa teacsaichean text(s)
Cuideachd:
à àaichean car(s)
bus busaichean bus(es)
fòn fònaichean phone(s)
not notaichean note(s) / pound(s) sterling
à-ì làraichean-lìn website(s)
teaghlach teaghlaichean family (-ies)
2. an IOLRA (plural) le –ICH
Aonghas Dòmhnallach (Rubha Aonghais):
“Bhiodh na bodaich a cur feagal oirnn leis an uaimh a bha sin cuideachd.”
“The old fellows would scare us with that cave too.”
bodach bodaich old man old men
balach balaich boy(s), lad(s)
boireannach boireannaich woman women
eileanach eileanaichislander(s)
each eichhorse(s)
Daoine às gach àird (people from every airt, every point of the compass):
Barrach Barraich a Barra person Barra folk
Hearach Hearaich a Harris person Harris folk
Ì Ìlichan Islay person Islay folk
ò Leòdhasaich a Lewis person Lewis folk
Sgiathanach Sgiathanaich a Skye person Skye folk
Uibhisteach Uibhistich a Uist person Uist folk
Albannach Albannaich Scot(s)
Ameireaganach Ameireaganaich American(s)
Gearmailteach Gearmailtich German(s)
Sasannach Sasannaich English folk
Tuathach Tuathaich northerner(s)
Deasach Deasaichsoutherner(s)
Searach Searaich easterner(s), East Coaster(s)
Siarach Siaraich westerner(s), West Coaster(s)
PUING EILE: ‘the’ + plural: NA / NA H-
na àٲichean na àaicheanna teaghlaichean
Ach le fuaimreag (vowel):
na h-athraichean na h-eathraichean na h-Ìlich na h-Uibhistich
FAICIBH CUIDEACHD: Beag air Bheag 2, Prògram 10, airson barrachd air an iolra (plural).
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 17 Apr 2016 21:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 20 Apr 2016 12:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 20 Apr 2016 22:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 24 Apr 2016 10:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 31 Jul 2016 21:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 3 Aug 2016 12:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 3 Aug 2016 22:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 7 Aug 2016 10:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 25 Jul 2021 21:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 28 Jul 2021 12:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 28 Jul 2021 22:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Aug 2021 10:30ѿý Radio nan Gàidheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.