
An t-Urr Iain M Caimbeul, Eaglais na h-Alba, Ceann Loch
Còmhla ris an Urr Iain M Caimbeul, Eaglais na h-Alba, Ceann Loch. Gaelic religious service conducted by Rev Iain M Campbell, Kinloch Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm a leanas:
Salm 111: 2-3 air fonn London New agus 's e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Salm 23: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Fionnlagh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 103: 1-2 air fonn Dundee agus 's e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac.
Leughadh: Eòin 17: 1-26
Ceann-teagaisg: Eòin 17: 23
Chaidh Mgr Caimbeul a thogail anns an Rubha gus an do ghluais e a Steòrnabhagh ann an 1991. Bha e ag obair mar neach dealan bho 1984 gus an deach e air adhart airson na ministrealachd. Chaidh iompachadh ann an 1993 agus chaidh e air adhart airson na ministrealachd ann an 1999, a' dol air ais gu foghlam aig à rd-ìre aig Oilthigh Obar Dheathain. Thug e còig bliadhna gu leth a' trèanadh agus chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Cille Mhoire is Paibeil an Uibhist a Tuath ann an 2004. Ghluais e air ais a Leòdhas ann an 2008 far a bheil e na mhinistear air coitheanal Cheann Loch bhon uairsin. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin is toigh leis a bhith a' leughadh, ag iasgach agus tha ùidh mhòr aige ann an spòrs co-cheangailte ri cà raichean.
Last on
Broadcasts
- Sun 1 May 2016 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 1 May 2016 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Aug 2024 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal