Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Tòmas Davis, Eaglais Shaor Chàrlabhaigh

Seirbheis còmhla ris an Urr Tòmas Davis, Eaglais Shaor Chàrlabhaigh. Gaelic religious service conducted by Rev Thomas Davis, Carloway Free Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughaidhean a leanas:
Salm 23: 1-2 air fonn Free Church agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 95: 6-7 air fonn Bedford agus 's e Tormod Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois.
Salm 100: 1-2 air fonn Coleshill agus 's e Dòmhnall Iain MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Oib.
Leughadh: Eòin 10: 7-30
Ceann-teagaisg: 10: 27

Rugadh Tòmas Davis ann an Obar Dheathain agus greis às dèidh sin ghluais an teaghlach a Steòrnabhagh, far an robh athair ag obair na dhotair teaghlaich. Tha triùir bhalach anns an teaghlach agus 's e Tòmas a th' anns a' mheadhan. Chaidh e a Bhun-Sgoil Steòrnabhaigh agus a dh' Àrd-Sgoil MhicNeacail. Bha ùidh riamh aig na balaich ann a bhith cluich ball-coise, ged a tha Tòmas ag ràdh nach robh e fhèin uabhasach math air. Nuair a chaidh e dhan àrd-sgoil ghabh e ùidh mhòr ann an ceòl agus thòisich e air grunn innealan-ciùil a chluich. Fiù 's chun an là 'n-diugh tha e a' faighinn toileachas mòr nuair a gheibh e ùine a chur seachad a' cluich a' ghiotar neo a' cluich a' bhogsa - beagan 'jamming' a dhèanamh, mar a thuirt e fhèin.
Choinnich Tòmas ri bhean, Una, greis bheag às dèidh dha an sgoil fhàgail agus phòs iad ann an 2003. Nuair a phòs e an toiseach bha e ag obair na phost pàirt-ùine agus aig an aon àm a' dèanamh ceum oilthigh. Nuair a chrìochnaich e an ceum thòisich e ag obair dha athair-cèile ag ionnsachadh a bhith na einnseanair far an robh e ag obair airson deich bliadhna. Tro na bliadhnaichean sin rugadh triùir chloinne dhaibh, Tom (10), John (8) agus Annie (5). B' ann an uair a bha e ag obair na einnseanair a thòisich e a' faireachdainn tarraing chun na ministrealachd agus às dèidh ùine cho-dhùin e gur e sin an t-slighe a bha e a' dol a ghabhail. Ghluais an teaghlach gu tìr-mòr far an robh Tòmas ag ionnsachadh dreuchd na ministrealachd agus ghabh e na bòidean aige ann an 2014. Chuir coitheanal Eaglais Shaor Chàrlabhaigh fios thuige agus tha e air a bhith os cionn a' choitheanail sin airson da bhliadhna a-nise agus tha iad fhèin agus a' chlann air an dòigh ann an Càrlabhagh.
Nuair a gheibh e ùine dha fhèin còmhla ris an teaghlach bidh iad a dol chun na mònach, a' dol air chuairt chun na tràghad, neo air a' bhaidhsagail, agus cuideachd a' campachadh. Bidh e cuideachd a' dèanamh beagan DIY an-dràst' 's a-rithist.

30 minutes

An t-Urr Tòmas Davis

An t-Urr Tòmas Davis

Broadcasts

  • Sun 8 May 2016 09:00
  • Sun 8 May 2016 15:00