Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais, Paraiste Eaglais Ghairbraid, Glaschu

Còmhla ris an Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais, Paraiste Eaglais Ghairbraid, Glaschu. Service conducted by Rev Donald M MacInnes, Gairbraid Parish Church, Glasgow.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean, sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 40: 1-6 air a sheinn le Còisir Bhaile Ghobhainn.
Laoidh an Spioraid Naoimh le Amy NicAmhlaigh
Tha 'n Gràdh seo cho Làidir air a sheinn le Coinneach MacLeòid
Salm 118: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Ruairidh MacLeòid a tha os cionn na seinn

Leughadh: Salm 40

Rugadh Dòmhnall Mìcheal ann am Baile Ghobhainn an Glaschu ach b' ann am baile Bhragair air taobh siar Leòdhais a thogadh e. Bha e ag obair aig roinn an ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson seachd bliadhna agus às dèidh sin fhuair e obair a' teagasg ceòl ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-staigh airson na ministrealachd ann an 1995. Tha e na mhinistear air paraiste Gairbraid ann an sgìre Mary Hill. Bha e roimhe na bhall de Chomataidh Ciùil Eaglais na h-Alba agus cuideachd na rùnaire aig Comataidh Ghàidhlig na h-Eaglaise.

Tha dà bhalach aige, Joel agus Samuel, agus tha e fhèin agus iad fhèin a' leantainn na 'Buddies' - sgioba ball-coise St Mirren. Tha pìos talmhainn aige anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan - buntàta, càl agus currain - mar a thuirt e fhèin, "dìreach mar Fiollagan".

Tha taigh fhathast aig Dòmhnall Mìcheal ann an Steòrnabhagh agus is caomh leis a bhith tilleadh ann airson saor-làithean.

Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, bidh e a' cluich a' phìob agus a' coimhead Laurel and Hardy. B' abhaist dha a bhith seinn còmhla ri na GGs.

30 minutes

An t-Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais

An t-Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais

Broadcasts

  • Sun 15 May 2016 09:00
  • Sun 15 May 2016 15:00