Episode 8
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan. John Urquhart guides learners through some of the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Sa phrògram seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Fionnlagh Schmidt às a' Ghearamailt agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil, tha an t-Ollamh Michel Byrne air ais le Oisean a' Ghràmair agus cluinnear criomagan bho phrògraman à tasglann Radio nan Gàidheal.
In this series for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to Finlay Schmidt about his learning experience. Gaelic grammar help is also on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the ѿý archives to illustrate some of the complexities of the language.
Supporting materials for the series can be found at bbc.co.uk/radionangaidheal.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
-
Beag air Bheag: Sreath 4: Prògram 8
Duration: 56:01
-
Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 8
Duration: 02:26
-
Beag air Bheag: Sùil air a' Mhapa 8
Duration: 02:12
-
Tar-sgrìobhadh: Seachdain sa Chogadh
Duration: 00:50
Tar-sgrìobhadh: Seachdain sa Chogadh
Gilleasbuig MacDhòmhnaill
Catrìona : Air an ochdamh latha den Fhaoilleach 1916, chaidh na saighdearan Breatannach mu dheireadh, mu sheachd mìle deug dhiubh, a thoirt a-mach à Helles an Gallipoli.
Gilleasbuig : Bha na Frangaich mu dheireadh air falbh lathaichean ron a sin. Bha na Tuircich air feuchainn air na Breatannaich an latha mus do dh’fhalbh iad, ach bha gu leòr dhe na Tuircich nach d’ thàinig a-mach às na trainnsichean agus fios aca gu robh Breatannaich a’ fàgail a dh’aithgheàrr.
Ann am beagan is seachdain, chaidh còig mìle deug thar fhichead saighdear, corr air ceud gunna is trì cheud carbad, mìle gu leth tunna de stòras eile agus faisg air trì mìle gu leth beathach eich agus mule a thoirt a-mach à Helles.
Chaidh cur às do chòrr is còig cheud beathach.
Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 8
“Aon Char Eile”
Tha obair na mònadh a’ cumail ri Seumas agus ri Mòraig bho dheireadh an Earraich gu meadhan an t-Samhraidh. Is math dhaibh gu bheil Calum cho làidir, agus gu bheil e cho èasgaidh agus cho deònach gus cuideachadh a thoirt dhaibh a h-uile uair a bhitheas e saor bho obair na sgoile.
Is ainneamh latha mun àm seo den bhliadhna nach bi Seumas ag obair “mar an t-each”, mar a thuirt e fhèin ri a charaid, Iain Ruadh, a tha a’ fuireach ri an taobh. Ged nach bitheadh an urra ris ach obair na mònadh, cha bu bheag an t-uallach sin fhèin; ach cha mhòr gum bi a’ chruach-mhònadh air a dùnadh an uair a dh’fheumas e an speal a gheurachadh, agus tòiseachadh air gearradh an fheòir. Tha feadhainn anns an sgìre a nì an tractar seo dhaibh cuideachd. Cha do chuir Iain Ruadh làmh air speal bho chionn ceithir bliadhna; ach cha bhi Seumas a’ feitheamh ri tractar no rud eile – “Feumaidh sinn an latha math a ghabhail an uair a thig e”, bidh esan ag ràdh.
Ma gheibh iad deagh shìde, cha bhi muinntir Sheumais fada ris an fheur. Tha iomadh car ri chur dheth mus fhaighear anns na cruachan e, ach chan eil iodhlann anns an sgìre a bhitheas làn nas luaithe na iodhlann Sheumais. Tha iad fhèin làidir, inntinneach, agus cha robh eagal air duine aca riamh ro obair chruaidh.
Is e “samhradh breac riabhach” as trice tha ann an sgìre Lag na Coille, mar a tha e anns na h-Eileanan an Iar air fad, agus mar sin chan eil e furasta am feur a dhèanamh tioram agus caoin a h-uile bliadhna. Feumar aideachadh gum bi Calum seachd searbh den chùis an uair a bhitheas an t-sìde fliuch, agus gum bi fadachd air an uair sin gus am faigh e gu muir, agus gus an ruig e na tìrean fad às, far nach eil feur ri thiormachadh agus far nach eil droch shìde a’ cur dragh air duine bho cheann gu ceann den bhliadhna. Cha leig e dad air ri athair, oir tha fios is cinnt aige nach canadh am fear sin ach rudeigin mar seo:
“Is ann a tha thu ri glùin do mhàthar, a charaid. Is mise bha thall ’s a chunnaic."
A. Nach math gu bheil thu math air na ceistean a fhreagairt – tha tuilleadh agad an seo!
1. Cuin a bhitheas Seumas agus Mòrag a’ tòiseachadh air obair mònadh?
2. Cuin a chuireas iad crìoch air an obair seo?
3. Cò bheir cuideachadh dhaibh leis an obair?
4. Saoil carson nach dèan Màiri seo cuideachd?
5. Dè mar a bhitheas Seumas ag obair?
6. Saoil dè mar a bhitheas Iain Ruadh ag obair?
7. Dè tha ri dhèanamh an uair a bhitheas obair na mònadh seachad?
8. Cò leis a nì Seumas seo?
9. Ciamar a tha feadhainn eile ga dhèanamh?
10. Carson nach dèan Seumas mar seo e cuideachd?
11. Càit an cuir Seumas am feur an uair a bhitheas e tioram?
12. Dè an seòrsa samhradh a tha ann an “samhradh breac riabhach”?
13. Carson nach bi muinntir Sheumais fada ris an fheur?
14. Carson a bhitheas fadachd air Calum gus am faigh e gu muir?
15. “Is mise bha thall” arsa Seumas - càit an robh e?
16. Cuin a bha e ann?
B. Na cuireadh iad seo eagal sam bith ort - ach cuir thusa an t-eagal orrasan:
1. Is e creutair seòlta a tha anns an t-....
2. Chan eil eun anns an ealtainn cho làidir ris an ....
3. Chan eil creutair eile ann a tha cho ....ris a’ chù.
4. “An giomach, an .... ’s an ...., trì seòid a’ chuain.”
5. “Tha miann a’ .... anns an tràigh ged nach toir e fhèin às e.”
6. “Bu dual do isean an .... a dhol chun na mara.”
7. Bidh an .... a’ seinn gu h-àrd anns na speuran.
8. “.... sa mhadainn chiùin.”
9. Chan eil nàmhaid aig an .... cho mòr ris a’ chat.
10. “Is minic a bha droch .... aig deagh mhart.”
C. Na dèan iad seo idir ma tha thu ro sgìth:
1. Tha bòrd anns an sgoil; tha casan a’ .... air an làr.
2. Tha laogh anns a’ bhàthaich; tha ceann an .... beag.
3. Tha falt a’ fàs air mullach do .... (rud nach eil air a’ bhodach bhochd!)
4. Tha cabar air an fhiadh; tha cabar an .... fada.
5. An cuala tu comhartaich a’ ....?
6. Tha eun anns a’ choille; is binn ceileir an .... air madainn samhraidh.
7. Tha iad cho mòr aig a chèile ri dà cheann ....
8. Is ann gu mullach a’ .... a chaidh Seoc is Sìle.
9. Ma chuireas iad a-mach sinn, bidh sinn air cùl an ....
10. Is e còcaire fear a bhitheas a’ deasachadh a’ ....
Tar-sgrìobhadh: Dùthaich Nan Craobh
Dòmhnall Dòmhnallach
Dòmhnall: Fear dhe na craobhan as cudromaiche ann am beatha nan Gàidheal, ’s e an darach ’s tha sin air a’ làimh cheart ann a sheo. Tha an darach uabhasach, uabhasach cudromach air sgàth ’s gu robh i air a faicinn mar am prìomh chraobh a tha anns a’ phàirt seo dhen t-saoghal.
Bha daoine a’ coimhead air an darach mar chraobh a bha faisg air na Diathan a bh’ aca ro àm Chrìosdaidh, agus gu math tric, bha i air a cleachdadh airson a bhith snaigh iodhalan-adhraidh agus bhiodh i air a cleachdadh airson a bhith lasadh teinntean no teinnean a bha cudromach a thaobh an creideamh aca.
Agus bha cuideachd, bha na Gàidheil a’ coimhead, bha iad a’ cur trì diofar seòrsaichean no trì diofar sreathan de chraobhan ann agus na prìomh chraobhan mar a chanadh iad, ’s e an darach an tè a bu chudromaiche dhiubh, agus bha craobhan eile mar gum biodh anns an darna sreath agus an uair sin craobhan nach robh iad a’ saoilsinn mòran idir dhiubh. Ach bha an darach, bha i cho cudromach ri craobh sam bith a th’ againn.
Sùil air a' Mhapa 8
Tha coin air an ainmeachadh gu tric air mapaichean na Gàidhealtachd. Ach na coimheadaibh airson an fhacail ‘cù’. Chan eil e ann. Gheibh sibh e, ge-tà, le riochd eadar-dhealaichte air – a’ choin ‘of the dog’ – a’ choin. No nan con – ‘of the dogs’ – nan con.
Tha Allt a’ Choin anns na Tròisichean – the Trossachs. Allt a’ Choin ‘the burn of the dog’. Tha Loch a’ Choin faisg air Gearraidh na h-Aibhne ann an Leòdhas – Loch a’ Choin. Tha Loch a’ Choin Bhàin – the loch of the white dog – faisg air Ceann Loch Iù – Loch a’ Choin Bhàin. Agus tha allt gu h-àrd anns a’ Mhonadh Ruadh – the Cairngorms. ’S e an t-ainm air Uisge Dubh Poll a’ Choin – the dark stream of the bogland of the dog – Uisge Dubh Poll a’ Choin.
Ann am Morbhairne, tha Caisteal nan Con – the castle of the dogs – Caisteal nan Con. Tha Coire nan Con faisg air Loch Seile – the corrie of the dogs. Agus ann an Dùthaich MhicAoidh – north Sutherland – tha Ùidh nan Con Luatha – ‘the stream of the swift dogs’ – Ùidh nan Con Luatha.
Carson a tha coin air an ainmeachadh cho tric air a’ mhapa? Uill, bha iad cudromach ann an sealg. Agus bha iad cudromach ann am beul-aithris. Mar eisimpleir, bha Bran, an cù aig Fionn MacCumhail, ainmeil am measg nan Gàidheal. Agus tha aon rud anns a’ chumantas eadar Bran agus an cù agam fhìn. Cha do thuig iad facal dhen Bheurla! Beannachd leibh.
Oisean a’ Ghràmair 8: Notaichean
1. E / I : ‘it’ (Fireanta ♂ / Boireanta ♀)
‘Did you shut the door / the window? Yes, I shut it.’
doras ♂An do dhùin thu an doras? Dhùin, dhùin mi e.
uinneag ♀ An do dhùin mi an uinneag? Dhùin, dhùin mi i.
‘Did you find your coat / your jacket? Yes, I found it.’
òٲ ♂ An d’ fhuair thu do chòta? Fhuair, fhuair mi e.
seacaid ♀ An d’ fhuair thu do sheacaid? Fhuair, fhuair mi i.
‘Look at the light / the moon – isn’t it !’
solas ♂ Seall an solas – nach e tha soilleir!
gealach ♀Seall a’ ghealach – nach i tha soilleir!
‘Is your head / your leg sore? Yes, ’s pretty sore.’
ceann ♂ A bheil do cheann goirt? Tha, tha e gu math goirt.
cas ♀ A bheil do chas goirt? Tha, tha i gu math goirt.
‘They cut the grass / the tree as it was too high.’
feur ♂ Gheàrr iad am feur oir bha e ro àrd.
Craobh ♀ Gheàrr iad a’ chraobh oir bha i ro àrd.
2. AIR MO...., AIR DO...., AIR A....(‘seen’, ‘used’, ‘done’, etc)
‘Dùthaich nan Craobh’:
“Tha an darach uabhasach cudromach air sgàth ’s gu robh i air a faicinn mar am prìomh chraobh anns a’ phàirt seo dhen t-saoghal”
“The oak is really important because it (she) was seen as the chief tree in this part of the world.”
“....agus gu math tric bha i air a cleachdadh airson a bhith snaidheadh iodhalan adhraidh, agus bhiodh i air a cleachdadh airson a bhith lasadh teinntean (no teinnean) a bha cudromach a thaobh an creideamh aca.”
“....and quite often it (she) was used for carving idols for worship, and it (she) would be used for lighting fires that were important for their religion.”
‘I was seen’ Bha mi air m’ fhaicinn ( = air mo fhaicinn ‘on my seeing’)
‘You were seen’ Bha thu air d’ fhaicinn ( = air do fhaicinn ‘on your seeing’)
‘He/It was seen’ Bha e air fhaicinn ( = air a fhaicinn ‘on his seeing’)
‘She/It was seen’Bha i air a faicinn (‘on her seeing’)
Bha an t-àite seo air fhaicinn mar ionad naomh.
‘This place (♂) was seen as a sacred location.’ (lit. ‘was on his seeing’)
Bha a’ chraobh-daraich air a faicinn mar am prìomh chraobh.
‘The oak-tree (♀) was seen as the chief tree.’ (lit. ‘was on her seeing’)
‘I was used’ Bha mi air mo chleachdadh (‘on my using’)
‘You were used’ Bha thu air do chleachdadh (‘on your using’)
‘He/It was used’ Bha e air a chleachdadh (‘on his using’)
‘She/It was used’ Bha i air a cleachdadh (‘on her using’)
Bha an t-àite seo air a chleachdadh airson adhradh.
‘This place (♂) was used for worship.’ (lit. ‘was on his using’)
Bha a’ chraobh-daraich air a cleachdadh airson adhradh.
‘The oak-tree (♀) was used for worship.’ (lit. ‘was on her using’)
‘I was hurt’ Bha mi air mo ghoirteachadh (‘on my hurting’)
‘You were hurt’ Bha thu air do ghoirteachadh (‘on your hurting’)
‘He/It was hurt’ Bha e air a ghoirteachadh (‘on his hurting’)
‘She/It was hurt’Bha i air a goirteachadh (‘on her hurting’)
Bha an gille air a ghoirteachadh gu dona. ‘The boy was badly hurt’.
Bha a’ chailleach air a goirteachadh gu dona. ‘The old woman was badly hurt’.
IOLRA (Plural):
‘We were seen / used / hurt.’
Bha sinn air ar faicinn / air ar cleachdadh / air ar goirteachadh.
‘You (plural) were seen / used / hurt.’
Bha sibh air ur faicinn / air ur cleachdadh / air ur goirteachadh.
‘They were seen / used / hurt.’
Bha iad air am faicinn / air an cleachdadh / air an goirteachadh.
Gilleasbuig (‘Seachdain sa Chogadh’)
“Gu mìorbhailteach, cha deach duine a chall, le dìreach triùir air an goirteachadh.”
“Miraculously nobody was lost, with just three people wounded.”
Sin na mionaidean agamsa air an cosg.
‘That’s my minutes used up.’ (lit. ‘on their using up’)
Tha notaichean air an cur suas air an làraich-lìn gus ur cuideachadh.
‘Ndzٱ are put up on the website to help you.’ (lit. ‘on their putting up’)
FAICIBH CUIDEACHD: Beag air Bheag Sreath 2, Prògram 6; Sreath 3, Prògram 7.
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 8 May 2016 21:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 11 May 2016 12:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 11 May 2016 22:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 15 May 2016 10:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 21 Aug 2016 21:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 24 Aug 2016 12:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 24 Aug 2016 22:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Aug 2016 10:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 15 Aug 2021 21:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 18 Aug 2021 12:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 18 Aug 2021 22:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 22 Aug 2021 10:30ѿý Radio nan Gàidheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.