Episode 9
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan. John Urquhart guides learners through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Sa phrògram seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Martainn Mac a' Bhàillidh à Glaschu agus a' cluinntinn mu a roghainnean ciùil agus tha an t-Ollamh Michel Byrne a' toirt thugaibh Oisean a' Ghràmair.
In the ninth programme in this series for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to learner of the week, Martin Baillie about his learning experience. Gaelic grammar help is also on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the ѿý archives to illustrate some of the complexities of the language.
Supporting materials for the series can be found at bbc.co.uk/radionangaidheal.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
-
Beag air Bheag: Sùil air a' Mhapa 9
Duration: 02:12
-
Tar-sgrìobhadh: Mi Fhèin ’s Mo Cheòl
Duration: 00:56
-
Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 9
Duration: 02:26
-
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na seachdain
Duration: 28:34
Tar-sgrìobhadh: Mi Fhèin ’s Mo Cheòl
Iain MacIlleChiar
Dhan luchd-èisdeachd òg, feumaidh mi mìneachadh nach ann leis an dealan a bha an gramafon ga obrachadh, ach leis a’ làimh. Dh’fheumadh tu a thachras a h-uile turas – agus b’ e an rud a bu neònaiche gun dèanadh e barrachd air aon chlàr ach nach dèanadh e gu leòr dhe na dhà. Mar sin, mura robh thu air a thachras aig toiseach gach clàr, dh’fheumadh tu leum thuige, is car no dhà a chur dhen làimh airson a chumail a’ dol.
A bharrachd air a’ ghramafon, bha a rèidio againn – ’s gu fortanach, b’ ann leis an dealan a bha sin ga obrachadh! A h-uile seachdain, bha ceòl dannsa Albannach ann – agus ’s e linn an òir a bh’ ann airson nan còmhlan ud an uair sin. ’S e fear a b’ ainmeile dhiubh uileag Jimmy Shand – agus ràinig am fonn aige “The Bluebell Polka” a’ chiad fhichead ann an naoi ceud deug leth-cheud sa còig – an aon turas riamh a bha còmhlan-ciùil dannsa Albannach sa phrìomh fhichead.
Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 9
“Na Tha Ann a Thoirt Às”
Tha dùil ri “samhradh breac riabhach” anns na h-Eileanan an Iar ach tha dòchas aig a h-uile duine, an uair a thig am Foghar, gur e “foghar geal grianach” a bhitheas ann. Sin mar a tha Seumas cuideachd. Ged a tha e ag iarraidh deagh shìde airson an fheòir, tha e ceart coma ged a bhitheadh cuid mhath den t-samhradh fliuch, fhad ’s a gheibh e làithean tioram, grianach, airson a bhith ag obair air an arbhar.
Is e am foghar as fheàrr le Calum de na ràithean gu lèir. Is fìor thoigh leis a bhith ag obair air a’ chroit aig an àm seo den bhliadhna, agus chan eil car a tha ri dhèanamh nach cuir e a làmh ris ach an spealadh fhèin. Chan eil fhios nach dèanadh e sin cuideachd, nam faigheadh e cothrom. Nì e togail agus ceangal, agus chan eil duine beag no mòr anns an sgìre a chuireas adagan ann an sreathan cho dìreach ris.
Is iad sin na h-adagan nach bi fada dìreach ma gheibh Màiri cothrom orra. Chan eil dad air an t-saoghal as fheàrr leatha na bhith a’ dèanamh falach-fead am measg nan adagan arbhair, i fhèin agus dithis no triùir de “na faoileagan eile”, mar a bhitheas aig Calum air na companaich aice. Is iomadh latha a shàraich seo Calum bochd, is e fhèin cho dìcheallach.
“Thoir an taigh ort, òinseach”, bidh e ag ràdh ri Màiri, “tha an t-àm agad fàs ciallach.”
“Cluinnibh airsan”, bidh ise ag ràdh, “mas fhìor nach bi e fhèin a’ cluich idir!”
Cha tèid tàmh air Seumas gus am faigh e a h-uile sguab cruinn, cothrom, còmhla anns na cruachan mòra, agus cha bhi cus fois aige an uair sin fhèin, oir bidh am buntàta abaich a-nis, agus deiseil airson a thogail. Tha iad a’ cur dusan poca a h-uile earrach, agus togaidh iad faisg air ceud poca aig deireadh an fhoghair mura tig galair sam bith ann, mar tha cnàmh, no gràinne-dubh, no lobhadh. Bidh corra dhruim goirt ann an Lag na Coille mus bi togail a’ bhuntàta seachad – “Ach mo thogair”, bidh Seumas ag ràdh, “cha dèanar math gun mulad.”
A. Tha fios nach bi feum agad air cuideachadh leotha seo:
1. Dè an seòrsa sìde a tha Seumas ag iarraidh an uair a thig am foghar?
2. Carson a tha e ag iarraidh na sìde sin?
3. Dè an seòrsa sìde a tha thu fhèin ag iarraidh an uair a thig an samhradh?
4. Carson a tha thu ag iarraidh na sìde sin?
5. Dè an ràith as fheàrr le Calum air fad?
6. Dè an ràith as fheàrr leat fhèin?
7. Carson seo?
8. Cia mheud sguab a chuireas tu ann an adaig arbhair?
9. Carson a bhitheas Calum ag ràdh gu bheil Màiri agus a companaich mar na faoileagan?
10. Carson a bhitheas Màiri a’ cur na feirge air Calum?
11. Ciamar a tha am buntàta an uair a tha e abaich?
12. Ciamar a bhitheas a’ ghealach an uair a bhitheas an t-arbhar ag abachadh?
13. Nan canadh tu fhèin "Mo thogair", dè bhitheadh tu a’ ciallachadh?
14. Saoil cia mheud punnd a tha ann am poca buntàta?
15. Dè an t-ainm a tha agad air an dìthean a tha a’ fàs air a’ bhuntàta?
B.“Bho eileanan gu eileanan” - cuiridh tu ainm eilein anns a h-uile sreath a tha seo:
1. Is e .... “Eilean a’ Cheò”.
2. Is e .... “Eilean an Fhraoich”.
3. Tha drochaid air a togail eadar .... agus ....
4. “Chi mi fada bhuam .... àilleagan a’ chuain”.
5. Bidh an “Claidheamh Mòr”, tè de bhàtaichean Mhic a’ Bhruthainn, a’ tadhal ann an Loch Baghasdail, ann an ....
6. “Eilean ....., eilean maiseach mo ghràidh.”
7. Tha clò ainmeil air ainmeachadh air ....
8. Is e .... “Eilean Grinn na h-Òige”.
9. Is ann am .... a tha Tobar-Mhoire'
10. “Is ann an .... bhòidheach a rugadh mi ’s a thogadh mi.”
11. Is e .... an t-eilean as motha tha air an t-saoghal.
12. Is e .... an t-eilean as fheàrr a tha air an t-saoghal.
C. Tha thu eòlach gu leòr air an fheadhainn seo - tha iad anns an eilean agad fhèin.
1. Tha craobh anns a’ ghàrradh; tha duilleagan a’ fàs air a’.....
2. Gheàrr mi mo làmh; tha gearradh air mo.....
3. Rug a’ chearc ugh; bha ugh aig a’.....
4. Is e latha fiadhaich a tha ann; tha fuaim mòr aig a’.....
5. Tha solas an latha a’ tighinn a-steach air an.....
6. Tha bàrr air do shròin, agus bonn air do.....
7. Cuir snàth anns an t-.... agus cuir brèid air an toll seo.
8. Bhuail an clachair an t-òrd air a’ .... agus bhris e i.
9. Is fìor thoigh leis an .... latha le uisge is dìle.
10. Tha dubhan agus driamlach aig an iasgair air an t-.....
Tar-sgrìobhadh: Prògram Choinnich
Blasan annasach le Alasdair MacLeòid
Alasdair: Uill, tha fiù ’s rudan annasach tighinn às na Hearadh fhèin a Choinnich! Tha bean an taighe – an tè a tha còmhla rium, tha...
Coinneach: An i sin a tha annasach?!
Alasdair: Uill chan eil mise dol a ràdh sin, feumaidh mi bhith faiceallach dè tha mi ag ràdh! Ach, a' dol air ais bliadhnaichean mòr, chan eil fhios a’m is ciamar, ach thòisich i ag ithe isbeanan no sausages agus eil fhios agad dè bhios aice còmhla ris? Marmalade! Smaoinich air a sin! Agus tha i air a dhèanamh chun an latha seo.
Coinneach: Eil fhios agad dè bhios agamsa leotha?
Alasdair: (gaire) Marmalade?!
Coinneach: Chan e!
Alasdair: Chan eil fhios a’m dè bhios air a’ Bhac!
Coinneach: Pìos agus siorap!
Alasdair: (Gàire) O mo chreach ’s a thàinig! Tha sin buileach uabhasach! Bha dùil agams’ gu robh marmalade is sausages dona gu leòr, ach...
Coinneach: ... agus ’s caomh leam cuideachd còmhla ri sin ketchup air na sausages!
Alasdair: Ketchup air na sausages?!
Coinneach: Agus pìos, mar a chanadh sinn, le siorap air!
Alasdair: Uill, fhios agad, tha cuimhn’ a’m dol air ais bliadhnaichean mòr nuair a bha mo sheanair beò, agus nuair a ghabh e srùpag aig naoi uairean a h-uile h-oidhch’, bhiodh pìos lof aig’ le cais’, tha sin nàdarrach, ach bhiodh silidh air a mhuin, agus bha sinne smaoineachadh gu robh seo uabhasach annasach ach cha robh sa latha sin.
Coinneach: Uill, ’s e rud a tha annasach, tha mise cuideachd, bidh mi ag ithe sin. Cha bhi mi a’ gabhail ìm idir, ach bidh mi a’ cur silidh air, agus bidh mi a’ cur càis’ air a’ mhullach an uairsin ’s bidh a h-uile duine fanaid orm. Gus a latha bha seo, chaidh mi steach dhan àite bha seo agus dè chunna mi ach toastie! Cranberry and Brie! Agus thuirt mi riutha, “Nach tuirt mi ribh fad nam bliadhnaichean!”
Alasdair: Ach dè cho fad ’s a tha sinn dol sìos an t-slighe sin? Fhios agad? Tha mi a’ smaoineachach gum feum sinn stad uaireigin!
Sùil air a' Mhapa 9
Dè a’ Ghàidhlig a th’ air ‘dolphin’? ’S e am facal as cumanta – leumadair. Bidh iad a’ leum às a’ mhuir. Leumadair. Saoil a bheil am facal ‘leumadair’ air mapa na h-Alba ann an àite sam bith? Uill, thug mi sùil agus lorg mi aon àite. Tha ‘Leumadair Mòr’ far taobh siar Eilean Leòdhais. Tha e faisg air Eilean Mhealasta ann an Sgìr’ Ùig. Ach dè th’ anns an Leumadair Mhòr? Tha e coltach gur e creag air an eilean a th’ ann ach chan eil e soilleir bhon mhapa. Agus chan eil e air ainmeachadh air a’ chairt-mhara no marine chart.
Dè an t-àite as fheàrr airson leumadairean fhaicinn ann an Alba? Chanainn Gob na Cananaich anns an Eilean Dubh. Gob na Cananaich – Chanonry Point. Tha e air Linne Mhoireibh, the Moray Firth. Tha e faisg air a’ Chananaich – Fortrose. A’ Chananaich – ‘the Chanonry’ no ‘place of Canons’ – co-cheangailte ris an eaglais. Tha seann chathair-eaglais anns a’ Chananaich.
Ach dè mun fhacal ‘gob’? G-O-B. Beak, bill, point, mouth. ‘Gob’ ann am Beurla. ‘Shut your gob’ mar a chanas iad – nach gabh sibh mo leisgeul! Air a’ mhapa, tha gob a’ ciallachadh ‘point of land’. Gob an rubha – the point of the headland. Ach tha e cuideachd a’ ciallachadh ‘beak of a dolphin’. Gob an leumadair – the dolphin’s beak. Ma tha sibh aig Gob na Cananaich, gu math tric chì sibh gob leumadair. Ach tha mo ghob fhèin air a bhith trang gu leòr. Soraidh leibh an-dràsta.
Oisean a’ Ghràmair 9: Notaichean
1. GA MO..., GA DO..., GA..., (‘being seen’, ‘being used’, ‘being done’, etc)
Tha an t-àite seo air fhaicinn mar ionad naomh.
‘This place is seen as a sacred location.’
Bha a’ chraobh seo air a cleachdadh airson adhradh.
‘This tree was used for worship.’
Bha triùir air an goirteachadh gu dona.
‘Three were badly injured.’
(Faicibh Prògram 8.)
Ach cuideachd:
Tha an t-àite seo ga fhaicinn mar ionad naomh.
Bha a’ chraobh seo ga cleachdadh airson adhradh.
Bha triùir gan goirteachadh gu dona.
AIR MO, AIR DO, AIR A, etc. NO GA MO, GA DO, GA, etc.
‘The gramophone wasn’t worked by electricity’:
Cha robh an gramafon air obrachadh leis an dealan.
NO
Cha robh an gramafon ga obrachadh leis an dealan.
‘This tree was used for worship’:
Bha a’ chraobh seo air a cleachdadh airson adhradh.
NO
Bha a’ chraobh seo ga cleachdadh airson adhradh.
‘Three people were injured.’
Bha triùir air an goirteachadh.
NO
Bha triùir gan goirteachadh.
‘Much was done.’:
Bha mòran air a èԲ.
NO
Bha mòran ga èԲ.
GA MO, GA DO, GA (dhèanamh/ chleachdadh/ etc.) :
‘done’, ‘used’, etc., but particularly ‘being done’, ‘being used’, etc:
Chan eil mòran ga dhèanamh an-dràsta.
‘There’s not much being done just now.’
Tha an talla ga chleachdadh fad an latha.
‘The hall is being used all day.’
Bha an gramafon ga thachras airson clàr eile.
‘The gramophone was being rewound for another record.’
Bha còig taighean ùra gan togail nuair a ràinig sinne.
‘Five new houses were being built when we arrived.’
Iain MacGilleChiar (‘Mi Fhìn ’s Mo Cheòl’)
“Dhan luchd-èisdeachd òg, feumaidh mi mìneachadh nach ann leis an dealan a bha an gramafon ga obrachadh, ach leis a’ làimh.”
“For the young listeners, I need to explain that it’s not by electricity that the gramophone was operated, but by hand.”
“A bharrachd air a’ ghramafon, bha an rèidio againn – ’s gu fortanach, b’ ann leis an dealan a bha sin ga obrachadh!”
“As well as the gramophone, we had the radio – and fortunately it was by electricity that that was worked.”
2. MURA (bheil / robh / etc.) IF NOT
Iain MacGilleChiar (‘Mi Fhìn ’s Mo Cheòl’)
“Mar sin, mura robh thu air a thachras aig toiseach gach clàr, dh’fheumadh tu leum thuige”.
ٴ, if you ’t rewound it at the start of each record, you had to leap over to it.”
Ma tha thu ann,tog do làmh.
‘If dz’r there, raise your hand.’
Mura bheil thu ann, falbhaidh mi as d’ aonais.
‘If dz’r not there I’ll leave without you.’
Ma tha mi ceàrr, innis dhomh.
‘If ’m wrong, tell me.’
Mura bheil mi ceàrr, tha an t-àm agam stad.
‘If ’m not wrong, it’s time for me to stop.’
Ma bha duine sam bith ann fo aois 50 (lethchead), chan fhaca mise iad.
‘If there was anybody there under 50, I never saw them.’
Mura robh spòrs sam bith ann, carson a rinn thu e?
‘If there was no fun in it, why did you do it?’
Ma nì thu seo, bidh mi na do chomain gu bràth tuilleadh.
‘If you do this, I’ll be forever indebted to you.’
Mura dèan thu seo, chan fhaigh sinn às.
‘If you Dz’t do this, we won’t get out.’
Dè thachras ma dh’innis iad na breugan?
‘What will happen if they lied (told the lies)?’
Mura do dh’innis thu dhaibh, ciamar a bha fhios aca?
‘If you didn’t tell them, how did they know?’
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 15 May 2016 21:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 18 May 2016 12:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 18 May 2016 22:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 22 May 2016 10:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Aug 2016 21:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 31 Aug 2016 12:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 31 Aug 2016 22:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Sep 2016 10:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 22 Aug 2021 21:30ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 25 Aug 2021 12:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Wed 25 Aug 2021 22:00ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 29 Aug 2021 10:30ѿý Radio nan Gàidheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.