Main content

Episode 10

Episode 10 of 15

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language. Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Sa phrògram seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Fiona NicLabhrainn à Glaschu, agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil, tha an t-Ollamh Michel Byrne air ais le Oisean a' Ghràmair agus cluinnear criomagan bho phrògraman à tasglann Radio nan Gàidheal.

In this series for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to Fiona McLaren from Glasgow about her learning experience. Gaelic grammar help is also on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the ѿý archives to illustrate some of the complexities of the language.

Supporting materials for the series can be found at bbc.co.uk/radionangaidheal.

Available now

56 minutes

Last on

Sun 5 Sep 2021 10:30

Tar-sgrìobhadh: Cuimhneachan

Shona NicCharmaig


Shona: Mar a thuirt mi cheana, cha tèid againn air dìochuimhneachadh a’ bhuaidh a bh’ aig cogadh air na boireannaich agus mar a dh’fhuiling iadsan ri linn.


Fhuair Peigi NicÌomhair à Borgh, Leòdhas, buille chruaidh nuair a chaidh an duine aice, Iain, a chall air HMS Main anns an Dàmhair naoi ceud deug agus a seachd-deug. Chuir i cumha pongail ri chèile far an do dh’ainmich i mar a chuir i seachad geamhradh air leth doirbh an dèidh dhi an duin’ aice a chall, gun iad ach glè bheag de dh’ùine fhaighinn pòsta, mus deach e a shabaid.


Ged a tha sinn air tòrr de na rudan a dh’ainmich i a chluinntinn ann an iomadach cumha roimhe – cho measail ’s a bha daoine air an fhear a chaochail agus mar a chaidh a gruag a liathadh – tha guth pearsanta, brònach a’ tighinn troimhe, agus mar a bha aig iomadh banntrach eile, tha e furasta chreidsinn gun robh geamhradh air leth dorcha aice an dèidh dhi an duin’ aice a chall san Dàmhair.

Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 10

A' Gearradh Leum ’s a’ Sìnteag! 1


B’ fhurasta aithneachadh gu robh rudeigin air aire na cloinne ann an sgoil Choir an t-Sìthein Dihaoine sa chaidh, an t-ochdamh latha deug den Ògmhios. Chan ann tric nach eil iad seo gu math stòlda, modhail - ’s e sin fhad ’s a tha iad air taobh a-staigh na sgoile; ach cha robh sùil aig duine gum bitheadh iad mar sin an latha bha seo. Dè bha dol a bhith aca am feasgar sin ach “cleasan, a charaid” mar a thuirt Niall. Cha robh duine anns an sgoil air fad, on fheadhainn a b’ òige gus an fheadhainn bu shine, a bha cho dèidheil air an sgoil an latha ud ’s a bha esan.


Is iomadh balach agus nighean a bha a’ smaoineachadh agus a’ bruidhinn air na cleasan deagh ghreis mus tàinig an latha mòr, oir bha iad uile air an togail riutha, agus gu leòr dhiubh ag ullachadh air an son cuideachd. Tha corra latha nis on thòisich Màiri agus a banacharaid, Iseabail Chaimbeul, a’ ruideas agus a’ ruagail air feadh nam bailtean, is na casan aca air an ceangal ri chèile le crios no ribean.


“Nach seall thus air an dithis tha siud”, ars Ùisdean, bràthair Iseabail, ri Calum, “nach saoil thu gur e paidhir each a tha annta, a’ dol a threabhadh iomaire bhuntàta? Ach gu dè riamh a tha fa-near dhaibh?”


“Gu dè tha ach an rèis thrì-chasach, a bhalaich”, fhreagair Calum, “mas fhìor gu faigh iadsan duais. Tha iad tuilleadh is slaodach, cliobach!”


Cha robh duine nach robh air an uair latha nan cleasan. Cha bhitheadh na bodaich fhèin na bu tràithe an latha bhitheas iad a’ faighinn a’ pheinnsein. Bha Niall fhèin na sheasamh aig doras na sgoile aig cairteal an dèidh naoi, agus ceud cabhag air gus am faigheadh iad a’ mhadainn seachad agus gus an tòisicheadh a’ chluiche agus a’ chòmhstri.


A. Seach gur e latha nan cleasan a tha ann, chan eil agaibh ach beagan cheistean an-diugh - seo agaibh iad.
1. Ciamar a dh’aithnicheadh duine gu robh rudeigin annasach gu bhith aig a’ chloinn an latha bha seo?
2. Dè bha gu bhith aca am feasgar sin?
3. Am bi seo agaibh fhèin cuideachd?
4. Dè an seòrsa latha a bhitheas a’ chlann ag iarraidh an uair a bhitheas seo aca?
5. Carson a bha a’ chlann a’ bruidhinn air an latha seo greis mhòr mus tàinig e?
6. Cò an fheadhainn a bha ag ullachadh air a shon?
7. Dè dh’fhàg Niall aig an sgoil cho tràth an latha seo?
8. Cia mheud duine a bha air dheireadh an latha seo?
9. Carson a bha e doirbh don chloinn faighinn a-steach air an doras?
10. Carson a bha màthair Nèill a’ smaoineachadh gu robh e air fàs gòrach?
11. Carson a bhitheadh a’ chlann toilichte gur e Disathairne bhitheadh ann an ath latha.
12. Cò an fheadhainn a gheibheadh na duaisean?


B. Bidh sinn ag ràdh “cho geal ris a’ chanach” - dè tuilleadh a their sinn?
1. Cho dubh ris an ....
2. Cho saillte ris a’ ....
3. Cho daor ris an ....
4. Cho maol ri mo ....
5. Cho sean ris a’ ....
6. Cho glan ris an ....
7. Cho carach ris a’ ....
8. Cho biorach ri ....
9. Cho caol ri ....
10. Cho cruaidh ris an ....
11. Cho uasal ris an ....
12. Cho bochd ri ....
13. Cho tiugh ri ....
14. Cho còir ris an ....
15. Cho luath ris a’ ....


C. Feuch dè cho luath ’s a lorgas tu iad seo:
1. Cheannaich mi leabhar anns a’ bhùth; is ann .... fhèin a tha an leabhar a-nis.
2. Thug mi dhut tastan; is ann .... fhèin a tha an tastan a nis.
3. Cuir .... do stocainnean, agus cha bhi do chasan fuar.
4. Chuir e .... a chuid aodaich an uair a dh’ èirich e.
5. “Tog .... mo phìob, ’s thèid mi dhachaidh.”
6. Cuir .... do chòta agus croch air cùl an dorais e.
7. Bha mi casruisgte an uair a chuir mi .... mo bhrògan agus mo stocainnean.
8. Thoir .... an t-airgead, agus thèid mi don bhùth.
9. Thug sinn .... an rud a bha iad ag iarraidh.
10. Bheir sinn .... am bainne, ma bheir sibhse .... a’ mhin.
11. Fhuair sinn bòrd ùr; tha trì bùird .... a-nis.
12. Tha piuthar aig Calum ach chan eil bràthair idir ....
13. Tha bràthair aig Màiri, ach chan eil piuthar idir ....
14. Am maighstir-sgoile: “Nach d’ thuirt mi .... nach fhaodadh tu sin a dhèanamh, a Nèill?”
15. Niall: “Cha robh fios .... gur ann .... a bha sibh a’ bruidhinn."

Tar-sgrìobhadh: Còmhla a-rithist

Taighean-seinnse Uibhist


Iain: Alasdair, bha thusa na b’ fhaisg air fear dhe na taighean-seinnse gu h-àraid, nach robh?


Alasdair: O bha, bha, bha. Bha mi siud. Cha robh mi ach mu mhìle à Westford. Agus cha shaoileadh duine dad an uair sin agus coiseachd an sin grunn oidhche san t-seachdain.


Ach ’s e àite.... àite math, àite cèilidh, 's e dìreach.... tòrr bhodaich ann agus tha mise a’ caoidh nach do dh’èist mi ri barrachd. Cha robh mòran ùidh agam ann am feadhainn dha na seann stòraidhean aig an àm, you know, ach.... oh bha, bhiodh iad an-còmhnaidh a’ sloinneadh ’s a’ bruidhinn air cogadh ’s a.... och bhiodh ’s iad a' deasbad ’s ag aimhreit is a’ dol far a chèile uaireannan, ach bhiodh iad còmhla an ceann oidhche no dhà, bhiodh iad còmhla a-rithist an-còmhnaidh a’ bruidhinn mun t-sìde. Gnothaichean dhen t-seòrsa sin, bha.


Mar a tha an-diugh, gheibh thu forecast air an telebhisean, gheibh thu trì diofar channels, agus chan e an aon forecast a th' aig gin aca. Uill sin mar a bha na bodaich.

Sùil air a' Mhapa 10

Tha dà bheinn ri taobh a chèile ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh air a bheil Meikle Mulltaggart agus Little Mulltaggart. Tha iad faisg air Bail’ Ùr nan Stiùbhartach, Newton Stewart. Tha Mulltaggart a’ tighinn bhon Ghàidhlig, Maol an t-Sagairt no ’s dòcha Meall an t-Sagairt ‘the hill of the priest’. Anns an t-seann aimsir, ’s dòcha gur e Maol an t-Sagairt Mòr agus Maol an t-Sagairt Beag a bh’ air an dà bheinn. Chan eil càil iongantach mu dheidhinn sin. Tha ainmean-àite Gàidhlig pailt ann an Gall-Ghàidhealaibh.


Aig ceann eile na dùthcha, ann an Siorrachd Obar Dheathain, tha Càrn an t-Sagairt Mòr agus Càrn an t-Sagairt Beag – the large and small hills of the priest. Tha iad ri taobh a chèile agus tha fear nas àirde na ’n fhear eile. Mar a tha Meikle Mulltaggart agus Little Mulltaggart. Ann an Uibhist a Tuath tha dà chnoc ann. Tha òrdugh nam faclan eadar-dhealaichte. ’S e Cnoc Mòr an t-Sagairt agus Cnoc Beag an t-Sagairt a th’ orra ‘the large and small hills of the priest’. Tha iad faisg air Loch an t-Sagairt.


Tha am facal sagart ‘priest’ a’ nochdadh gu tric air a’ mhapa. Tha Coire an t-Sagairt ‘the corrie of the priest’ faisg air Sligeachan anns an Eilean Sgitheanach. Tha creag air cladach Mhuile air a bheil Caisteal Uaimh an t-Sagairt ‘the castle of the cave of the priest’. Agus ainm eile à Gall-Ghàidhealaibh – Auchentaggart. Achadh an t-Sagairt ‘the field of the priest’. Mar sin leibh an-dràsta.

Oisean a’ Ghràmair 10: Notaichean

1. THÈID, CHAIDH – MUS TÈID, MUS DEACH (‘Go’, ‘Went, ‘Before going’)


ճè / tèid


ճè sinn ann le chèile.
‘We’ll go (there) together.’
An tèid sinn ann?
‘Will we go?’
Cha tèid, cha tèid sinn ann.
‘No we won’t go.’
Mus tèid sinn a-mach, bu chòir dhuinn biadh a ghabhail.
‘Before we go out, we should have something to eat.’


Chaidh / deach


Chaidh sinn ann.
‘We went (there).’
An deach sibh ann?
’Did you go?’
Cha deach, cha robh sinn ag iarraidh dhol a-mach.
‘No, we didn’t want to go out.’
Mus deach sinn a-mach
‘Before we went out’.
Ghabh sinn biadh mus deach sinn a-mach.
‘We had something to eat before we went out.’


Shona NicCharmaig (‘Cuimhneachan’):


“... gun iad ach glè bheag de dh’ùine fhaighinn pòsta, mus deach e a shabaid.”
“... they’d got very little time married, before he went off to fight.”


Chaidh e a shabaid.
‘He went to fight’
...mus deach e a shabaid
‘...before he went to fight’


2. THÈID / CHAIDH AGAM AIR... (to manage, be able to)


ճè agam air dhol ann an-dràsta.
‘I’m able to go there now.’
Cha tèid agam air dhol ann gus a-màireach.
‘I won’t be able to go till tomorrow’.
Cha tèid aca air dìochuimhneachadh na rinn thu.
‘They can’t forget what you did.’


Cha deach againn air dhol a-mach.
‘We weren’t able to / didn’t manage to go out.’
Cha deach againn air dìochuimhneachadh.
‘We weren’t able to forget.’
An deach agad air an obair a dhèanamh?
‘Were you able to do the work?’


Shona NicCharmaig (‘Cuimhneachan’):


“Mar a thuirt mi cheana, cha tèid againn air dìochuimhneachadh a’ bhuaidh a bh’ aig cogadh air na boireannaich, agus mar a dh’fhuiling iadsan ri linn.”
“As I’ve said already, we can’t forget the impact war had on the women, and how they suffered because of it.”


3. THÈID / CHAIDH x a dhèanamh (Passive: ‘getting done, being done’)


(FAICIBH: Beag air Bheag Sreath 3, Prògram 9; agus Sreath 2, Prògram 4 & 5.)


Shona NicCharmaig (‘Cuimhneachan’):


“Fhuair Peigi NicÌomhair à Borgh, Leòdhas, buille chruaidh nuair a chaidh an duine aice, Iain, a chall air HMS Main anns an Dàmhair 1917.”
“Peggy Maciver from Borve, Lewis, suffered a terrible blow when her husband Ian was lost on HMS Main in October 1917.”


“...cho measail ’s a bha daoine air an fhear a chaochail, agus mar a chaidh a gruag a liathadh”
“...how highly people regarded the man who died, and how her hair was turned grey”


Chaidh an duine aice a chall.
‘Her husband was lost.’
Chaidh an soitheach a bhualadh.
‘The ship was hit / got hit’
Chaidh cumha a sheinn.
‘A lament was sung.’
Chaidh m’ fhalt a liathadh leis na thachair.
‘My hair got turned grey by what happened.’
An deach rud sam bith a ghoid?
‘Did anything get stolen?’
Cha deach duine sam bith a ghoirteachadh.
‘Nobody got hurt.’


ճè cumha a sheinn.
‘A lament will be sung.’
ճè doras fhosgladh.
‘A door will be opened.’
ճè an togalach a dhùnadh.
‘The building will get closed.’
ճè an dealan a chur dheth.
‘The electricity will get switched off.’
Mus tèid am microfon agam a chur dheth,...
‘Before my mic gets switched off,...’


N.B. Sèimheachadh: a chall, a bhualadh, a sheinn, a ghoid, fhosgladh, etc.


4. SÙIL AIR AIS: an dèidh (‘after’)


Shona NicCharmaig (‘Cuimhneachan’):


“cumha... far an do dh’ainmich i mar a chuir i seachad geamhradh air leth doirbh an dèidh dhi an duin’ aice a chall”
“a lament... where she mentioned how she passed an extremely difficult winter after (her) losing her husband”


“Tha e furasta chreidsinn gun robh geamhradh air leth dorcha aice an dèidh dhi an duin’ aice a chall san Dàmhair.”
“It’s easy to believe that she had a very dark winter, after (her) losing her husband in October.”


FAICIBH Prògram 7.

Abairt na Seachdain

Cha chuir thu seann cheann air gualainnean òg

Broadcasts

  • Sun 22 May 2016 21:30
  • Wed 25 May 2016 12:00
  • Wed 25 May 2016 22:00
  • Sun 29 May 2016 10:30
  • Sun 4 Sep 2016 21:30
  • Wed 7 Sep 2016 12:00
  • Wed 7 Sep 2016 22:00
  • Sun 11 Sep 2016 10:30
  • Sun 29 Aug 2021 21:30
  • Wed 1 Sep 2021 12:00
  • Wed 1 Sep 2021 22:00
  • Sun 5 Sep 2021 10:30

Podcast