Main content
Sorry, this episode is not currently available

Seirbheis airson a' chiad Dòmhnach den Charghas còmhla ris a' Chanan Seumas MacNèill

Seirbheis airson a' chiad Dòmhnach den Charghas còmhla ris a' Chanan Seumas MacNèill. Canon James MacNeil conducts a service for the first Sunday in Lent.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean, an salm agus na leughaidhean a leanas:
Tha Sinne a Dhia a' Seinn do Chliù, le Amy NicAmhlaigh
Còisir Eaglais Naomh Barr a' seinn an Kyrie, Salm 84 agus 'A Dhia a Chruthaich is a Dhealbh Mi'.
Còisir Eaglais Naomh Mhìcheil a' seinn an Sanctus.
Còisir Sgoil Lionacleit le Derick Mac an Tòisich a' seinn 'Tha Sinn a' Seasamh aig an t-Soisgeul'.
Rosemary Ward a' seinn Anam Chrìosda .

Leughaidhean:
Genesis 2: 7-9 & 3: 1-7
Ròmanaich 5: 12-19
Mata 4: 1-11

Ceann-teagaisg:Mata 4: 1-11

Rugadh Mgr. Seumas an Eilean Bharraigh agus 's ann gu Colaiste na Sagairteachd anns an Ròimh a chaidh e airson ionnsachadh a bhith na shagart.

Bha e na shagart paraiste san Eilean Sgitheanach airson grunn bhliadhnaichean agus bha e cuideachd a' frithealadh paraiste an Dòrnaidh agus an Ath Leathainn. Roimhe sin, bha e na shagart paraiste ann am Beinn na Fadhla agus ann am Mòrar. Bha e cuideachd a' teagasg ann an Roinn na Diadhachd aig Oilthigh Ghlaschu airson còig bliadhna.

Bha Mgr. Seumas na iar-easbaig air Sgìr-easbaig Earra-Ghàidheal agus nan Eilean gu bho chionn ghoirid agus tha e fhathast stèidhichte aig Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban.

Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, 's toigh leis a bhith a' leughadh agus a' coiseachd.

30 minutes

A' Chanan Seumas MacNèill

A' Chanan Seumas MacNèill

Broadcasts

  • Sun 5 Mar 2017 09:00
  • Sun 5 Mar 2017 15:00