
An t-Urr Mairi Byers, Eaglais na h-Alba 2006
Seirbheis bho 2006 còmhla ris an Urr Mairi Byers nach maireann bho Eaglais na h-Alba. A Gaelic archive service from 2006 with the late Rev Mairi Byers, Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean, sailm is leughaidhean a leanas:
O Thugadh Moladh Mòr Do Dhia, leis a' chòmhlan Cliar
An Grà dh tha Naomh, le coitheanal Seann Eaglais na Paraiste san Òban
Salm 23 le Kenna Chaimbeul
Siud an LÃ mh air an Luaidh Mi, le sgoilearan Sgoil Lionacleit
Salm 103: 1-2 air fonn Dundee agus 's e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanalan Leòdhais agus na Hearadh.
Leughaidhean: Isaiah 40: 28-31
Marcus 2: 1-12
Ceann-teagaisg: Marcus 2: 4
"Thà inig i dhan t-saoghal seo na nighean ministeir,
Thuit i ann an gaol 's bha i nise na bean ministeir,
'S cha do stad i gun robh i fhèin na ministear"
Rugadh Mà iri Byers neo Mà iri Laing ann an 1932. B' i an treas neach ann an teaghlach de sheachdnar aig an t-Urr Calum Laing 's a bhean Mà iri, neo Calum Raghnaill à Cnòc an Torrain agus Mà iri NicRuairidh à Staidhligearraidh.
Bha athair Mà iri, an t-Urr Calum Laing, na mhinistear air coitheanal Eaglais na h-Alba ann a Hobha Mòr an Uibhist a Deas agus 's e tidsear a bh' ann a Mà iri.
Chuir Mà iri òg seachad bliadhnaichean a h-òige ann an Uibhist a Deas, a' frithealadh Sgoil Hobha Mòr agus Àrd-sgoil Cheann a' Bhà igh. Bha i toilichte agus riaraichte le beatha mar eileanach, a' fàs suas ann an Uibhist a Deas .
Bha i ceithir bliadhna deug mus do chuir i cas air tìr-mòr na dùthcha. Chaidh i a dh'Àrd-sgoil Phort Rìgh airson bliadhna agus an dèidh sin ghluais an teaghlach a dh'Alanais. Bha Mà iri a-nis a' frithealadh Àrd-sgoil Inbhir Pheofharain agus, ged a bha i ag ionndrainn Uibhist, bha beatha air tìr-mòr a' còrdadh rithe cuideachd.
Bha Mà iri a-riamh ag iarraidh a bhith na banaltram agus airson a dhol a-null thairis na miseanaraidh. Nuair a dh'fhà g i an sgoil 's e sin a bha na beachd ach dh'atharraich gnothaichean rud beag, oir choinnich i ris an duine aice agus, gu h-annasach, bha e fhèin cuideachd airson a bhith na mhiseanaraidh.
Chaidh MÃ iri san duine aice Ailean a-null a Ghana far an robh iad airson iomadach bliadhna a' cuideachadh choimhearsnachdan an sin. Thill iad air ais a dh'Alba anns na seachdadan agus thill MÃ iri air ais gu foghlam agus i a-nis ag ionnsachadh a bhith na neach-teagaisg. Ach cha do stad i aig a sin - cha robh obair teagasg ag obrachadh a-mach dhi, agus mu dheireadh chaidh i a-steach airson na ministrealachd .
Ghabh i dreuchd ministeir ann an 1991 agus chaidh i gu Eilean Dhiùra far a robh i a' frithealadh na paraiste sin gu 1998. Anns na bliadhnaichean sin bhiodh seirbheisean Gà idhlig aice ann an Diùra agus an Ìle.
Leig Mà iri dhi dreuchd paraiste ann an 1998 oir nach robh an duine aice Ailean a' cumail ro mhath, ach airson iomadach bliadhna às dèidh sin bha i ga cumail fhèin gu math trang far a robh i a' fuireach, faisg air na Crìochan, le bhith a' frithealadh ospadail agus taighean-eiridinn ann an sgìre Annan agus cuideachd a' searmonachadh gu math tric air Là na Sà baid.
Bhà saich Mgr Byers ann an 2013 agus bhà saich Mà iri fhèin air an treas latha den t-Samhain 2018 aig aois 85.
On radio
An t-Urr Mairi Byers

Broadcasts
- Sun 5 Mar 2017 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Nov 2018 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Sep 2025 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal