Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 149

Ionnsaigh on adhar air Folkestone 's an soitheach-ospadail, Dover Castle, dha cuir fodha. Events of WW1, including the bombing of Folkestone and hospital ship Dover Castle sinking.

Air deireadh seachdain a' chòigeamh 's an t-siathamh latha fichead dhen Chèitean 1917 thàinig droch naidheachd air tìr agus aig muir airson Breatainn, mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse dhuinn. Chaidh ionnsaigh on adhar a thoirt air baile Folkestone le call-beatha mòr air a' chòigeamh là fichead. An làthairne mhàireach, chaidh an soitheach-ospadail Breatannach 'Dover Castle' a chur fodha air a slighe bho Malta gu Gibraltar le torpedo bhon bhàt-aigeil Gearmailteach UC-67.

Bha Iseabail Ros ag innse na leabhar-là gum biodh i air a slighe dhachaigh a dh'aithghearr agus bha Murchadh Moireach bhon a' Bhac, a bha còmhla ris na Sìophartaich, e fhèin a' sgrìobhadh mun chall-beatha a bha e a' faicinn san Fhraing.

10 minutes

Last on

Fri 2 Jun 2017 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 1 Jun 2017 21:00
  • Fri 2 Jun 2017 11:50