Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 150

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh air an t-seachdain a dh'fhalbh o chionn ceud bliadhna. The events of the past week of the First World War.

Am measg na th' aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill dhuinn an t-seachdain sa, tha criomag còmhraidh bho Mhàiri Richardson, Màiri Thormoid Lachlainn à Ealaghol san Eilean Sgitheanach. Ghluais Màiri a Ghlaschu na deugaire far an robh i ag obair aig an Georgetown Filling Factory, factaraidh a bha a' dèanamh sligean spreadhaidh. Ach aig aois ochd bliadhn' deug thog i oirre gu Calais còmhla ri caraidean - às aonais cead bho pàrantan. Chuir i seachad dà bhliadhna gu leth a' draibheadh charabadan-eiridinn agus oifigearan airm san Fhraing agus mar a dh'innis i ann an clàradh a thug an teaghlach do Radio nan Gaidheal, bha a' chiad chànan aice, a' Ghàidhlig feumail aig amannan.

10 minutes

Last on

Fri 9 Jun 2017 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 8 Jun 2017 21:45
  • Fri 9 Jun 2017 11:50