
An t- Urr Coinneach Stiùbhart, Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte, Glaschu
Seirbheis còmhla ris an Urr Coinneach Stiùbhart, Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte, Glaschu. A service conducted by Rev Kenneth Stewart, Reformed Presbyterian Church, Glasgow.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 102: 16-18 air fonn Bangor agus 's e Dòmhnall MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Allt Bheithe.
Salm 122: 6-9 air fonn Stornoway agus 's e Calum MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Rubha.
Leughadh: Mata 21: 1-11
Ceann-teagaisg: Mata 23: 36-39
Rugadh 's thogadh an t-Urr Coinneach Stiùbhart ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath agus thà inig atharrachadh spioradail na bheatha nuair bha e ochd bliadhna deug.
Fhuair e foghlam ann an Bun-sgoil nan Ceallan agus Sgoil Phaibeil an Uibhist, Sgoil MhicNeacail an Leòdhas agus, an dèidh sin, ann an Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire an Dùn Èideann. Tha e pòsta aig Anna à Garrabost san Rubha agus tha còignear chloinne aca.
Tha Mgr Stiùbhart na mhinistear air coitheanal Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte ann an Glaschu. Bha e roimhe sin na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Dowanvale ann am Partaig, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, Eaglais Shaor Toronto agus Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Last on
An t-Urr Coinneach Stiùbhart

Broadcasts
- Sun 11 Jun 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Jun 2017 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal