
Seirbheis còmhla ri Iain Eà irdsidh Mac a' Mhaoilein.
Seirbheis Ghà idhlig còmhla ri Iain Eà irdsidh Mac a' Mhaoilein. A Gaelic religious service conducted by John Archie MacMillan.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is an leughadh a leanas:
Dèan mise nam thosgaire Dhè do Shìth le Kathleen NicAonghais le taic bho Mhà iri NicAonghais
D' thug thu Grà dh do dh'Iosa le Còisir Òigridh Eaglais Naomh Barr
Sìth Fior Shìth le Còisir Eaglais Naomh Barr
Ùrnaigh an Tighearna le Joanna Peteranna
Gràs le Mà iri NicAonghais le taic bho Phòl MacCaluim agus Kathleen NicAonghais.
Leughadh: Eòin 14: 13-21
Rugadh agus thogadh Iain Eà irdsidh ann an Cill Donain ann an Uibhist a Deas agus chaidh e dhan sgoil an sin agus an Dalabrog. Às an sin, chaidh e gu Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain agus à sin gu Colaiste Rìoghail na Sagartachd anns an Spà inn airson sia bliadhna. Thà inig e a-mach na shagart anns an Ògmhios1971. Bha e na shagart ann an Dùn Òmhain, Eilean Bhòid, Dalabrog agus Èirisgeigh.
Bha Iain Eà irdsidh cuideachd ag obair mar Oifigear Leigheis-inntinn ann an Lodainn an Iar a' cuideachadh dhaoine le trioblaidean inntinn agus ag oideachadh 's a' toirt comhairle do dhaoine eile ann a bhith a' dèiligeadh ri daoine le trioblaidean inntinn. Tha e a-nis air a dhreuchd là n-ùine a leigeil seachad.
Tha e a' fuireach ann an Ceann a Deas Drochaid na Banrigh cuide ri bhean, MÃ iri, agus dithis a theaghlaich, Harriet agus Mata.
Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, 's toigh leis a bhith siubhal a-null thairis, gu h-à raid dhan Eadailt far a bheil taigh aca ann am baile beag iomallach. Air a shlighe a dh'obair, bhiodh e ag èisteachd ri clà raidhean den chà nan Eadailtis 's a' feuchainn ri gnìomhairean Eadailtis ionnsachadh - ach gu mì-fhortanach bidh an fheadhainn Eadailteach agus Spà innteach a' dol an lùib a chèile gu math tric, ach tha e còrdadh ris gu mòr a bhith dèanamh seo. Bidh e cuideachd a' cur ùine seachad air a' chùrsa golf agus a' dèanamh tòimhseachain-tarsainn agus ag eadar-theangachadh pìosan beaga an siud 's an seo dhan Ghà idhlig.
Bidh Iain Eà irdsidh os cionn nan seirbheisean Gà idhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann uair sa h-uile sia gu ochd seachdainean.
Last on
Iain EÃ irdsidh Mac a' Mhaoilein

Broadcasts
- Sun 18 Jun 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Jun 2017 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Sep 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Sep 2017 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal