
Dòmhnall Ruadh Chorùna
Am bà rd, Dòmhnall Dòmhnallach ann an còmhradh ri Fred MacAmhlaigh ann an 1962. The bard Donald MacDonald in conversation with Fred Macaulay about his early life and poetry.
Tha leth-cheud bliadhna air an 13mh den Lùnastal 2017 bho bhà saich am bà rd Dòmhnall Ruadh Chòruna. Rugadh is thogadh Dòmhnall Dòmhnallach, no Dòmhnall Ruadh Chorùna mar a b'fheà rr a dh'aithnichear e, ann am baile beag Chorùna air Cladach a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath. Chaidh Dòmhnall ainmeachadh às deidh an à ite san deach a thogail agus, a rèir choltais, chaidh Corùna a thoirt air a' chroit ri linn 's gu robh sinn-seanair Dhòmhnaill na shaighdear aig Blà r Chorùna san Spà inn ann an 1809.
Nuair a bha e 17, chaidh Dòmhnall dhan Mhailisidh agus bha e ann an Rèiseamaid nan Camshronach nuair a thòisich An Cogadh Mòr ann an 1914. Chaidh a leòn aig Blà r an Somme ann an 1916 agus cha deach e air ais chun loidhne-toisich an dèidh sin. Tha grunn math den bhà rdachd aige a' tarraing air an à m seo de bheatha agus tha cuid dhiubh sin ri chluinntinn sa chòmhradh aige seo le Fred Macamhlaigh ann an 1962.
Last on
Dòmhnall Ruadh Chorùna

Broadcasts
- Thu 10 Aug 2017 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 10 Aug 2017 22:10ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 13 Aug 2017 09:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal